---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
Seachdainn eile, Ceannard eile
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý
Bha a' chuid as motha de luchd-naidheachd air a dhol dhachaigh nuair a dh'fhoillsich Nicol Stephen gum biodh e a' leigeal
dheth a dhreuchd mar cheanard nan Lib Demaich an Alba.
As dèidh trì bliadhna san obair, thuirt Mgr Stephen oidhche chiadain gun robh e airson barrachd ùine a chur seachad le theaghlach. Chuir sin ioghnadh dhà -rìribh air an fheadhainn a bha an là thair. Bha beachd ann gun do dh'fhàs Mgr Stephen gu math comasach ann an seòmar na pà rlamaid. Chleachd e deasbadan gus ceistean a thogail mu na gealltanasan a rinn an SNP ron taghadh, mar fiachan nan oileanach agus mu chonnspaid Dhòmhnaill Thrump.
Ach chuir Nicol Stephen roimhe gun robh an dreuchd a' toirt buaidh ro mhòr air a theaghlach - a bhean agus an ceathrar chloinne. Nuair a chaidh a stèidheachadh, bha pà rlamaid na h-Alba gu bhith eadar-dhealaichte, le uairean-obrach a bhiodh freagarrach do theaghlaichean. Ach bha aig Mgr Stephen taghadh eadar a dhreuchd agus a theaghlach. "Tha fios aig gach duine a tha an sàs ann am poileataics gun toir e buaidh air beatha a' theaghlaich," thuirt e. "Ach nuair a thèid e thairis air an sin, feumar rudeigin a dhèanamh." Teaghlach A' bruidhinn air prògram Radio nan Gà idheal, Airthis na Maidne diardaoin, thuirt am ball pà rlamaid Gà idhleach, Iain Fearchar Rothach, gu do thuig e carson a bha Mgr Stephen a' fà gail: "Tha teaghlach mòr aige, a tha a' fuireach suas ann an Obar Dheathain, agus tha mi cinnteach gun robh e den bheachd nach robh seo ag obrachadh a-mach cho math 's a bha e ag iarraidh." "Leis an sin, tha e den bheachd gu bheil an teaghlach a' tighinn air thoiseach air poileataics agus tha mi ag aontachadh leis na beachdan a tha sin."
Bha Nicol Stephen na Leas-Phrìomh Mhinistear anns an riaghaltas mu dheireadh. An dèidh mar a bhuannaich an SNP an taghadh 'sa Chèitean an uiridh, leig am prìomh mhinistear Seac MacConail, a dhreuchd-san seachad. Chaidh Wendy Alexander na à ite, ged nach do mhair ise fada. Ach chuir Mgr Stephen roimhe fuireach mar cheannard as dèidh an taghaidh. Aig an am, bha dùil gun deidheadh na Libearalaich Dheomacratach a-steach don riaghaltas ùr leis an SNP. Ach dhiùlt iad sin a dhèanamh, ag rà dh nach robh iad deònach pà irt a ghabhail ann an riaghaltas a chumadh referendum air neo-eisimileachd. Ach as dèidh mar a dh'iarr Wendy Alexander air an riaghaltas referendum a chumail cho luath 's a ghabhas, dh'fhaodadh sin tachairt co-dhiù. Is dòcha gum bi sin a' fà gail feadhainn anns a' phà rtaidh a' ceasnachadh an e mearrachd a bha ann gun phà irt a ghabhail ann an riaghaltas Ailig Salmond. Cò a-nis? Ceithir là as dèidh Wendy Alexander fhà gail, bha na Libearalaich Dhemocratach a' sireadh ceannard ùr. Tha an cùl-bheingear Mìcheal Rumbles, a sheas an aghaidh Mhgr Stephen an turas mu dheireadh, air a rà dh gun seas e a-rithist. A-measg nan daoine eile a dh'fhaodadh a dhol na à ite tha Tavish Scott, Ross Finnie agus Jeremy Purvis. Cuiridh ceannardan a' phà rtaidh taghadh air dòigh a dh'aithgheà rr. Thathar an dùil gum bi ceannard ùr aig na Lib Deamaich mus till a' phà rlamaid anns an t-Sultain. Ach anns an eadar-ama tha dà phà rtaidh dhùbhlanaich aig Holyrood gun duine aig an stiùir. Ìý
|
Ìý |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Cò a-nis?
30 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
An Latha Mu Dheireadh
27 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Beachdan Mòra - Beachdan Matha?
20 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Taigh an Ã’rdugh?
13 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|