´óÏó´«Ã½

Explore the ´óÏó´«Ã½
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 11 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:34 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Stri son Glaschu an Ear
Ìý

Ìý
Ìý
Shettleston, taobh sear Ghlaschu
Seasaidh naoidhnear ann am fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.
Chan ann tric a bhios tòrr luchd-naideachd no camarathan anns a' phàirt às motha de Ghlaschu an Ear.

Nuair a tha, mar as trice, 's ann air sgàth 's gu bheil Celtic a' cluich aig Parkhead, no gu bheil rudeigin dona air tachairt a tha e.

Ach an t-seachdain-sa, tha an sgìre air bhith làn de luchd-naidheachd agus camarathan, a' leantainn nan iomairtean ann am fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.

Fad cola-deug eile, bidh sùil Bhreatainn air fad air Taobh an Ear Ghlaschu.

Bheir na chuireas iad romhpa buaidh air an dùthaich air fad.

Nan cailleadh na Làbaraich an seat seo - fear de na seataichean as sàbhailte a tha aca - dh' fhaodadh e bhith gu math doirbh do Ghòrdain Brown cumail a' dol.

Toiseach fadalach

Aig uair àbhaisteach bhiodh e furasta do na Làbaraich an seat seo a ghleidheadh.

Tha daoine anns an sgìre seo air a bhith a bhòtadh air an son fad ghinealaichean.

Ach chan e uair àbhaisteach a tha seo.

Tha na Làbaraich ga fhaighinn doirbh air feadh Bhreatainn an-dràsta.

Tha iad gun cheannard aig Holyrood agus tha Gòrdan Brown ìosal anns na cunntasan-beachd.

Agus cha do thòisich iomairt a' phàrtaidh an dà-rìreabh gu diluain agus e a' failneachadh orra tagraiche a lorg a sheasadh san sgìre.

Na Tagraichean
Chris Creighton, Neo-eisimeileach
Frances Curran, Pàrtaidh Shòisealach na h-Alba
Mairead Curran, Làbarach
Dr. Eileen Duke, Pàrtaidh Uaine na h-Alba
Hamish Howatt, Freedom 4 Choice
Iain mason, SNP
Tricia NicGill'iosa, Solidarity
Davena Rankin, Tòraidhean
Ian Robasdan, Lib Deamaich

Cha do nochd an fhear a bha san amhairc aca mar thagraiche - an Comhairliche Seòras Ryan - aig coinneamh a' phàrtaidh oidhche haoine mar bu chòir.

Chuir e roimhe gun cuireadh an iomairt buaidh ro mhòr air a theaghlach.

Dh' iarr iad an uairsin air Ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu Steven Purcell, ach dhiùlt esan seasamh cuideachd.

Didòmhnaich, chuir Màiread Curran - a tha na ball airson Glaschu Baillieston ann am Pàrlamaid na h-Alba - a h-ainmse air adhart.

Chaidh a h-ainmeachadh gu foirmeil oidhche Luain.

Luchd-tadhail

Madainn Diluain bha Dàibhidh Camshron ann an Easterhouse airson iomairt nan Tòraidhean a chur air bhòg.

Bha an tagraiche aca, Davena Rankin agus an seann cheannard Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn an làthair aig Eaglais Naomh Iudais.

'S esan naomh nan cùisean càillte.

Ged nach eil duine den bheachd gum b' urrainn do na Tòraidhean buannachadh, chum Mgr Camshron a-mach nach e cùs càillte a bha aca.

Tha sùil Mhgr Chamshron air an ath thagadh choitcheann is esan airson grèim fhaighinn air iùchraichean Àireamh a Deich.

Chleachd esan an cothrom gus bruidhinn mu dheidhinn bochdainn, drugaichean agus eucoir sgeinne.

An aon latha thadhail am prìomh mhinistear, Ailig Salmond, air an sgìre gus iomairt Iain Mason a chur air bhog, agus bha ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg an làthair Diciadain gus taic a thoirt do dh'Iain MacRàibeart.

Tha Gòrdan Brown, air a ràdh nach eil e iomchaidh do phrìomhairean tadhail air sgìre far am bi fo-thaghadh agus mar sin dhe cha tig e.

Cuspairean

Ach dè na cuspairean a tha cudromach do dhaoine ann an Taobh an Ear Ghlaschu?

'S e seo fear de na h-àiteachan as bochda ann am Breatainn.

Tha tòrr dhaoine gun obair. Tha droch shlàinte gu math cumanta. Agus tha trioblaidean ann le drugaichean agus le eucoir.

Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil na trioblaidean seo a' cur dragh air daoine agus gu bheil ùidh aig muinntir na sgìre annta.

Ach tha teagamh ann a bheil na daoine a' creidsinn gun urrainn do luchd-poileataics na trioblaidean sin a chur ceart.

Earbsa

Mar sin dheth, 's dòcha gur e an rud as cudromaiche anns an fho-thaghadh seo an àireamh de dhaoine a bhòtas idir.

Tha daoine ann an Glaschu an Ear a tha den bheachd gur e am pàrtaidh Làbarach as coireach airson nan trioblaidean aca.

Ach tha daoine eile ann aig nach eil earbsa ann an luchd-poileataics idir, ge be dè am pàrtaidh anns a bheil iad.

'S e a' cheist, dè nì luchd-taic nan Làbarach a tha mì-thoilichte leis a' phàrtaidh?

Ma bheir iad an taic don SNP dh'fhaodadh gun tig atharrachadh a bheir buaidh air riaghaltas Ghòrdain Brown agus poileataics Bhreatainn air fad.

Ach, leis an gainnead earbsa a tha aig muinntir Ghlaschu an Ear ann an luchd-poileataics, dh'fhaodadh iad cur romhpa gun bhòtadh idir agus dìreach fuireach aig an taigh.

Ìý
Ìý
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Seachdainn eile, Ceannard eile
03 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Cò a-nis?
30 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
An Latha Mu Dheireadh
27 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Beachdan Mòra - Beachdan Matha?
20 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Taigh an Ã’rdugh?
13 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Connspaid chonnaidh
30 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý