'S e aibhnichean mòra deighe a bhios a' gluasad thar na tìre a th' ann an eigh-shruthan. Nuair a leaghas iad, bidh iad a' tasgadh stuthan agus faodaidh feartan cruth-tìre a bhith air an cruthachadh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an tasgadh eigheadail
- Mar a tha toll-coire air a chruthachadh
- Dè th' ann an creag chonadail
- Mar a tha Ǿè air a chruthachadh
- Diofar fheartan ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan tasgadh eigheadail ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Dè th' ann an eigh-shruth?
- 'S e tomad mòr, mòr deighe a' gluasad gu mall thar tìr a tha ann an eigh-shruth.
- Nuair a tha eigh-shruth a' gluasad, faodaidh e an tìr a bleithCaitheamh thar ùine. agus feartan bleith eighichte a chruthachadh mar coireachan, arêtes agus stùcan pioramaideach.
A bharrachd air a bhith a' bleith na tìre, nuair a bhios eigh-shruthan a' gluasad, bidh iad a' cruthachadh feartan inntinneach cruth-tìre air sgàth tasgadhNuair a leaghas eigh-shruth, chan eil lùth gu leòr anns an uisge-aiteimh airson stuth, mar gainmheach agus grinneal, a ghiùlan, agus thèid a leagail no fhàgail anns an sgìre mun cuairt..
Tasgadh
- Ann an Linn na Deighe, bha eigh-shruthan a' gluasad gu mall thar na tìre a' giùlan stuthan mar gainmheach, clachan agus creagan.
- Aig deireadh Linn na Deighe (o chionn mu 10,000 bliadhna) bha na h-eigh-shruthan a' leaghadh.
- Nuair a bhios deigh a' leaghadh, bidh an stuth a ghiùlain an deigh a' sgaradh ann am fillidhean agus air a leigeil sìos, no air a tasgadhNuair a leaghas eigh-shruth, chan eil lùth gu leòr anns an uisge-aiteimh airson stuth, mar gainmheach agus grinneal, a ghiùlan, agus thèid a leagail no fhàgail anns an sgìre mun cuairt., anns an uisge-aiteimh.
Tuill-coire
- Faodaidh cnapan mòra deigh mharbh a bhith cha mhòr air an tiodhlacadh leis na tasgaidhean gainmhich agus grinneil. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.
- 'S dòcha gun lìon tuill-coire le uisge agus gun tèid loch toll-coire a chruthachadh, mar Loch Mhùrlaig agus tuill-coire nan Uath Lochan.
- Tha a' ghainmheach a bhios mun cuairt tuill-coire diofraichte bhon ghainmhich a bhios air tràigh ris a' mhuir. Chaidh a' ghainmheach seo a thasgadh le eigh-shruthan agus tha i air a dèanamh le gainmheach, eabar, crèadh agus grinneal.
Mar a tha toll-coire air a chruthachadh
1 of 5
Creagan conadail
- Bidh eigh-shruthan cuideachd a' giùlan agus a' tasgadh ulbhagan agus creagan mòra le cruthan annasach ris an canar creagan conadail.
- 'S àbhaist gum bi creagan conadail nan aonar seach ann nan dùn.
- Tha iad glè thric air an dèanamh de chreag nach eil ri faighinn anns an sgìre. Tha creagan conadail nam measgachadh de chreagan agus de stuthan a chaidh a tharraing à àitichean eile air slighe na h-eigh-shruth.
ѴǾèԱ
'S e druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad a th' ann am Ǿè.
Tha dà phrìomh sheòrsa ann:
- Ǿè taobhach a chaidh a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth
- Ǿè ì a chaidh a chruthachadh aig ìdz eigh-shruth
è-ܳٳ - Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.
feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.
tasgadh eigheadail - Nuair a bhios eigh-shruth a' leigeil sìos stuthan, mar creagan agus clachan, agus gam fàgail às a dhèidh.
Linn na Deighe - Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe.
toll-coire - Toll air a chruthachadh nuair a steigeas eigh-shruth agus a thèid a thiodhlacadh ann an gainmheach 's ann an grinneal. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.
loch toll-coire – Toll-coire a tha air lìonadh le uisge.
creag chonadail – Creagan no ulbhagan air a thasgadh le eigh-shruth. Tha iad glè thric leotha fhèin agus tha iad air an dèanamh de chreag nach faighear gu h-àbhaisteach san sgìre.
Ǿè - Druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad. Faodaidh Ǿè a bhith air a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth (Ǿè taobhach) no aig ìdz eigh-shruth (Ǿè ì).
Map de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
'S e Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a' Ghàidhealtachd a' phàirce nàiseanta as motha san RA. Tha a' phàirce mhòr seo làn bheanntan, slighean coille, aibhnichean, lochan, fiadh-bheatha agus bailtean beaga.
Seall air a' mhap seo agus chì thu far a bheil Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus cuid dhe na prìomh àitichean agus na feartan a tha innte.
Feuch dè nas aithne dhut
Dèan bileag mu aon dhe na pàircean nàiseanta ann an Alba.
'S e sgìre a chuir riaghaltas an dara taobh airson an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh a th' ann am pàirc nàiseanta. Tha dà phàirc nàiseanta ann an Alba:
- Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
- Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean
Rannsaich aon dhe na pàircean nàiseanta agus dealbhaich bileag.
Smuain no dhà airson tòiseachadh:
- Càit a bheil a' phàirce nàiseanta? An tèid agad air map a dhèanamh a' sealltainn far a bheil i?
- An tèid agad air na prìomh fheartan ainmeachadh? A bheil coilltean sònraichte, beanntan no lochan anns a' phàirce?
- Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dèanamh na bileig, gheibh thu a-mach barrachd an seo: Mar a nì thu bileag
Caisteal Bhaile Mhoireil. videoCaisteal Bhaile Mhoireil
Tha Caisteal Bhaile Mhoireil dìreach deas air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Faigh a-mach barrachd mu cheangal rìoghail a' chaisteil.
Coilltean. revision-guideCoilltean
Tha Isla agus Connor air chuairt ann an coille ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean.
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count16 of 24
- count17 of 24
- count18 of 24
- count19 of 24