´óÏó´«Ã½

Explore the ´óÏó´«Ã½
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air:
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Crith-thalmhainn Ghlaschu an Ear
Ìý

Ìý
Ìý
Iain Mason
'S e deagh oidhche a bha ann do dh'Iain Mason
Thachair an rud nach b' urrainn tachairt.

Chaill na Làbaraich fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.

Cha robh ach 365 bhòt eadar tagraiche an SNP Iain Mason agus Màiread Curran bho na Làbaraich.

Sin às dèidh mar a dh'iarr na Làbaraich ath-chunntais air na bhòtaichean.

Ach ro dheireadh na h-oidhche bha na Làbaraich - agus am prìomhaire - a' coimhead air toradh uabhasach.

A-nis bidh eagal air buill-pàrlamaid air feadh na dùthcha nach eil na seataichean aca sàbhailte.

"Air chrith"

B' e sin am beachd aig am ball ùr Iain Mason cò-dhiù, 's e ag ràdh, gum biodh buill Làbarach air chrith anns na brògan aca air sgàth mar a chaidh cuisean ann an Glaschu.

'S e briseadh dùil a bh'ann do Mhàiread Curran, a sheas dha na Làbaraich 'sa sgìre 's thuirt i gum feum na Làbaraich èisteachd ris an luchd-bhòtaidh.

Ach chaidh i às àidhcheadh gun do chur an toradh dreuchd Ghòrdon Brown ann an cunnart, ged is e seo an treas seat as sàbhailte a bha aig na Làbaraich ann an Alba.

Tha muinntir Taobh Sear Ghlaschu air a bhith a' bhòtadh air an son na Làbaraich bhon a chaidh a phàrtaidha chur air bhonn.

Ach an turas-sa fhuair Màiread Curran 10,912 bhòt an taca ris an 11,277 a fhuair Iain Mason airson an SNP.

Bha Davena Rankin bho na Tòraidhean anns an treas àite le 1639 bhòt agus Iain Robasdan bho na Lib Demaich san ceathramh àite le 915 bhòt.

Gluasad

Bha gluasad de 22.54% bho na Làbaraich don SNP.

Ach dè chaidh ceàrr dha na Làbaraich?

Cha do thoisich an iomairt aca gu math agus bha iad gun thagraiche fad a' chiad dheireadh sheachdainn, s' dh'fhàg sin gun robh ceistean ann mun dòigh anns an do làimhsich iad an iomairt aca as dèidh sin.

Ach 's e tagraiche làidir a bha ann am Màiread Curran ged nach deach a h-ainmeachadh ach gu h-anmoch.

Eaconamaidh

B' e an eaconamaidh an cuspair as motha anns am fo-thaghadh, agus cho doirbh 's a tha daoine 'sa chomantas, ga fhaighinn na cosgaisean làitheil aca a phàigheadh.

Ged a bha na Làbaraich a' cumail a-mach nach iad a bu choireach, chuir muinntir Ghlaschu an Ear romhpa a pheanasachadh air a shon.

'S e droch oidhche a bha ann do na Libearalaich Dheomocrataich cuideachd.

Chaill iadsan an eàrlas chionn cha d'fhuair an tagraiche aca Iain Robasdan ach 915 bhòt - ged a fhuair e moladh tron iomairt fhèin.

Bha na Tòraidhean na bu thoilichte is iad air gluasad don treas àite ann an sgìre a tha air a bhith gu math duilich dhaibh.

Anns a' mhadainn, ge-tà, bha ball-pàrlamaid ùr aig muinntir Ghlaschu an Ear - agus bha trioblaidean ùra aig Gòrdon Brown.

Ìý
Ìý
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Stri son Glaschu an Ear
11 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Seachdainn eile, Ceannard eile
03 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
Cò a-nis?
30 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
An Latha Mu Dheireadh
27 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Beachdan Mòra - Beachdan Matha?
20 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Taigh an Ã’rdugh?
13 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Connspaid chonnaidh
30 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Tòraidhean an deagh thriom
23 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý