Air An Là a-raoir chaidh a' chiad aithris shònraichte againn a chraoladh bho sgìrean targaid an taghaidh Albannaich.
An turas-sa, bha Iain MacDiarmaid ag aithris bhon Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus BÃ ideanach.
Aig an taghadh seo, tha crìochan nan sgìrean air atharrachadh bho na chaidh a chleachdadh aig na taghaidhean Albannach ann an 1999, 2003 agus 2007.
Mar sin, gus comas a dhèanamh eadar an taghadh seo agus am fear mu dheireadh, tha againn ri bhòt 2007 a chunntadh a-rithist a-rèir nan crìochan ùra.
Ma nì sinn sin, chì sinn gu bheil na Lib Deamaich anns a' chiad à ite, agus iad a' dìon mòrchuid de 2,784 anns an sgìre.
'S i a' cheist dè cho sà bhailte agus a tha a' mhòrchuid sin.
Cugallach
ThaÌýi a' coimhead beagan nas cugallaiche, 's dòcha, as dèidh mar a chuir seann bhall-pà rlamaid Albannach na sgìre a thaic-san ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.
'S eÌýIain Fearchar Rothach a riochdaich an t-Eilean Sgitheanach o chaidh Pà rlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999.
Tha Mgr Rothach a' leigeal dheth a dhreuchd aig an taghadh seo - gur math a thèid leis.
Ach tha e a' fà gailÌýna pà rlamaid aig à m gu math duilich don phà rtaidh aige.
'S e riaghailt phoileataigeach Bhreatainn gur e rudÌýduilich a tha ann cuidhteas a dhèanamh air Lib Deamach a tha stèidhichte ann an sgìre ionadail.
Tha an SNPÌý - agus an tagraiche acasan Dà ibhidh MacThòmais - an dòchas gun toir fà gail Mhgr Rothaich cothrom dhaibh an sgìre a ghabhail bhuapa.
Ionadail
Mar a mhìnich Iain MacDiarmaid air An Là agus air an-dè,Ìýbheir cùisean ionadail buaidh mhòr air thoradh an taghaidh anns an sgìre seo.
Ach bidh sùileanÌýair cuideachd mar shlat-thomhais an taghaidh aig ìre nà iseanta.
Mas fìorÌýna cunntasan bheachd, 's e taghadh duilich a tha air fà ire do na Lib Deamaich agus feadhainn an Alba feargach munÌýcà irdeas aca ris na Tòraidhean aig Westminster.
'S e tè dhe na ceistean as motha aig an taghadh seo an tuit bhòt nan Lib Deamach, agus ma thuiteas, cà ite an tèid i.
'S i a' cheist a tha agamsa, ge-tà , dè thachras don phà rtaidh air Ghà idhealtachd, à ite a thagh Libearalaich fad na linntean.
Bidh toradh anns an Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bà ideanach na phà irt mhòir den fhreagairt don cheist sin.