´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-01

Dà fharpais

Tha mi 'n dòchas nach bi dragh oirbh ma dh'innseas mi gun robh aon shùil agam air Anndra Moireach anns a' mhadainn, agusÌýan geamaÌýair an telebhisean san oifis againn aig Holyrood.

Nach math a rinn e - agus gura math a thèid leis anns a' chuirt dheireannach.

Cho luath sa bha e seachad, chaidh mi troimhe do sheòmar na pàrlamaid airson m' aire a thoirt air farpais eile.

Cha robh na cleasan cho sgileal.

(Feumaidh mi aideachadh gun do chòrd an teanas na b' fheàrr rium.)

Ach mar as àbhaist bha ceannardan nam pàrtaidhean a' dèanamh an dìcheal gus puingean fhaighinn agus a' chùis a dhèanamh air a chèile.

Eaconamaidh

As dèidh beagan deagh naidheachd mu deidhinn Dimàirt, bhaÌýIain Gray a-mach air an eaconamaidh.

Carson, dh'fhaighnich ceannard nan Làbarach, nach robh Mgr Salmond deònach barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mu na bha an riaghaltas a' cosg air pròiseactan mòra?

SgrìobhÌýna dùbhlanaich uileÌýdo dh'Iain Swinney ag iarraidh air sin a dhèanamh às dèidh iarrtais bho Chomataidh an Ionmhais.

Tha na dùbhlanaich amharasach gu bheil an riaghaltas air airgead a chaitheamh.

Tha na Làbaraich airson 's gun tèid cuid den airgead sin a chosg air ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

As aonais, cha choltach gun bhòt na Làbaraich airson a' bhuidseat nuair a thig a' bhòt mu dheireadh an ath-sheachdain.

Eacarsaich

Chan eil an riaghaltas airson sin a dhèanamh agus iad an dòchas gum faigh iad taic gu leòrÌýà àiteigin eile.

Mar sin dheth cha robh am Prìomh Mhinistear diùid slaic a thoirt air ais air Mgr Gray.

Thuirt e gur e an trioblaid as motha airson nam pròiseactan seo gun robh co-obraichean Mhgr Gray aig Westminster a' toirt airgead far a' bhuidseit air an son.

Air là mòr do spòrs ann an Alba, thagh Annabel Goldie spòrs anns na sgoiltean mar chuspair.

Dè thachair, bha i airson faighinn a-mach don dà uair de PhE gach seachdainn a gheall an SNP anns a' mhanifesto aca?

Dhìon Mgr Salmond a chliù air a' chuspair, ag ràdh gun robh an riaghaltas air deagh adhartas a dhèanamh a dh'ionnsaigh na targaid.

Oileanaich

Cha robh ceannard nan Tòraidhean riaraichte le sin, ge-tà.

Chan e PE a bhaÌýanns an eacarsaich aÌýfhuair am prìomh mhinistear bho a bhith ga mholadhÌýfhèin.

Thog Tavish Scott suidheachadhÌýnan daoine òga nach robh a' faighinn àitean aigÌýcolaisdean agus iad làn air sgàth cion-cosnaidh.

Carson nach b' urrainn do Mhgr Salmond rudeigin a dhèanamh airson an cuideachadh anns a' bhuidseat?

'S e freagairt gu math modhail a thug am Prìomh Mhinistear do Mhgr Scott - 's dòcha gun gabh aonta a ruighinn eadarainn air seo ro bhòt na h-ath-sheachdain.

Cha b' e seo an fharpais a b'Ìýfheàrr a chunnaic mi aig Holyrood -Ìýach còÌýrinn a' chùis nur beachd-se?Ìý

Fàs ùr?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-26, 18:37

Beachdan (0)

Mu dheireadhÌýthall, tha e coltach gu bheil crìonadh na h-eaconamaidh seachad.

Thuirt mi gu bheilÌýe 'coltach' leis gur ann a-rèir tuairmse a tha na figearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha dearbhadh a dhìth orra agusÌýb' urrainnÌýdhaibh atharrachadh.

Ach, airson a' chiad turas o thoiseach 2008 tha Oifis an StaitistigÌýNàiseanta ag ràdh gun do dh'fhàs toradh nàiseanta na dùthcha - no GDP - anns na trì mìosan gu deireadh na bliadhna an uiridh.

'S e fàs beag a bha ann - dìreach 0.1% - ach fàs gun teagamh.

Lag

Mar a bhiodh dùil, chuir an seansalar fàilte air an naidheachd.

'S e seo a dearbh rud a bha e fhèin - agus a nàbaidh aig Àireamh a Deich - ag iarraidh ron taghadh choitcheann.

Ach tha am fàs nas lugha na bha dùil, agus an-diugh chaidh Mgr Darling is Mgr Brown a chàineadh airson cho "slaodach" agus "lag" 's a bha e.

Chan e iongnadh a bha sin, bho dhithis - Mgr Osborne is an Dtr Cable - a tha iad fhèin airson grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do thaigh an t-Seansalair aig Àireamh a h-Aon Deug.

Ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil iad ceart.

'S e Breatainn an eaconamaidh leasaichte mu dheireadhÌýa thaÌýairÌýtighinn a-mach às an staing.

An-diugh, ge-tà, bidh Alistair Darling toilichte gu leòr.

Alba

Tha againn ri feitheamh greis mus tèid na figearan fhoillseachadh airson Alba.

Ach an-diugh thuirt Rùnaire an Ionmhais aig Holyrood, Iain Swinney, gun robh e an dùil gun leanadh Alba an aon phàtran.

Anns an eadar-àma, ge-tà, tha e ag iarraidh air Mgr Darling airgead a bharrachd a thoirt air adhart anns a' bhuidseat aigesan gus dèanamh cinnteach nach crìon eaconamaidh na h-Alba a-rithist.

Saol an èist e ris?

Nuair aÌýnochdas am buiseat sin, cha bhi an taghadh fad às.

Tha e coltach gu bheil an crìonadh fhèin seachad.

Mairidh a bhuaidh air an deasbad phoileataigeach fad greis co-dhiù.

Ach dh'fhaodadh a bhuaidh air daoine àbhaisteach maireachdainn fada na b' fhaide.

Ceistean duilich

Chaidh ceist dhuilich a thogail an-diugh leis a' bhall neo-eisimileach, Margo NicDhòmhnaill.

Dh'fhoillsich am ball airson Lodainn .

Chan eil e mì-laghail an Alba do dhuine cur às dhaibh fhèin, ach tha e mì-laghail do dhuine eile an cuideachadh.

Tha am bile seo ag amas air an t-suidheachadh sin atharrachadh.

Ann an Sasainnn, thug an t-àrd neach-tagraidh comhairle seachad nach bu choltach gun deidheadh duine a thoirt do lagh airson sin.

Cha deach a leithid de chomhairle a thoirt seachad ann anÌýAlba.

Beachdan làidir

Togaidh a' chùis seo beachdan làidir aig Holyrood agus tron dùthaich.

Do chuid, tha atharrachadh a dhìth air an lagh gus trocair a thoirt do dhaoine a tha a' fuilling gu mòr.

Tha feadhainn eile draghail mu na thacradh nan deidheadh an t-atharrachadh seo troimhe.

A-measg dhotairean tha sgaradh bheachd ann, ach tha Comann Meidigeach Bhreatainn draghail gun dèidheadh iarraidh orra beathannan a ghabhal seach an sàbhaladh.

Tha feagal airÌýdaoine eile gun deidheadh uallach a chur air seann dhaoine cur às dhaibh fhèin.

ChumÌýMargo NicDhòmhnaill fhèin a-mach gu bheil gnìomhan anns a' bhile gus dèanamh cinnteach nach tacradh sin.

Pearsanta

Dhise, 's e cùis phearsanta a tha seo.

Tha Margo NicDhòmhnaill a' fuilling le tinneas Pharkinson.

Thuirt i fhèin an-diugh gun robh a làmhan a' crathadh mar thoradh air an tinneas - ach nach robh a h-eanchainn a' crathadh idir.

Tha tòrr dhaoine an seo bho gach taobh den t-seòmar measail air Margo NicDhòmhnaill.

Agus 's ann as urra riutha mar phàrlamaid dè thachras don bhile.

Tha an riaghaltas is na pàrtaidhean dùbhlanach air dearbhadh gum bi bhòt saor aig a h-uile duine.

Aonta ri fhaighinn?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-20, 17:30

Beachdan (0)

Aig a' cheann-thall,Ìýthug buill ceadÌýdon bhuidseat a dhol troimhe don darna ìre.

Bhòt 64 air a shon, 46 na aghaidh le 18 ann nach do bhòt idir.

Fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean agus bho Mhargo NicDhòmhnaill, bhòt na Làbaraich na aghaidh, a' fàgail nan Lib Deamach isÌýnan Uaineach air an fheansa.

Thèid am bile a-nis do na comataidhean airson sgrùdaidh a bharrachd is dùil ris a' bhòt mu dheireadh air an 3mh là den Ghearran.

Tha obair fhathast ri dhèanamh.

Ach tha an riaghaltas an dòchas gun gabh aonta fhaighinn anns a' chola-deug a tha romhainn.

³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

GusÌýtaic fhaighinn bho na Tòraidhean thuirt Mgr Swinney gun do rinnÌýan riaghaltasÌýsàbhalaidhean mar-thà agus gun dèanadh iad a bharrachd anns an àm ri teachd.

Dh'fhoillsichÌýeÌýreòthadh do thuarasdail àrda anns an t-seirbhis chatharra agus thuirt e gun toireadh an riaghaltas sùil eile air moladh nan Lib Deamach air tuarasdail anns an Roinn Phoblaich.

Bha fiù 's £10m do na h-Uainich airson cumhachd ath-nuadhachail aig muir.

Ach tha anÌýriaghaltasÌýfhathast fada airÌýfalbh bho na Làbaraich.

A-rithist agus a-rithist, dh'iarrÌýnaÌýLàbaraichÌýair an riaghaltas dol air ais air a' cho-dhùnadh aca gus cur às doÌýcheangal-rèileÌýpuirt-adhairÌýGhlaschu.

A-rithist agus a-rithistÌýdh'fhaighnichÌýMgr Swinney càite am faigheadh iad an t-airgead air a shon.

Bidh Mgr Swinney toilichte ma thèid a' bhòt mu dheireadh mar a chaidh a' bhòt an-diugh.

Ach mas e seachdainn ùine fhada ann am poileataigs, tha cola-deug fiù 's nas fhaide na sin.

Là na ciad bhòt

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-20, 11:14

Beachdan (0)

B' e moÌýdhùbhlan an-dè a dhol mun cuairt nan dorsan a' feuchainn ri faighinn a-mach ciamar a bhòtadh na pàrtaidhean nuair a thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat feasgar.

Seo, saoilidh mi, mar aÌýtha cùisean a' seasamh an-dràsta.

Bhòtaidh na Tòraidhean air a shon aig an ìre-sa. Airson an taic fhaighinn às dèidh sin, bidh aig Iain Swinney ri fianais a thoirt dhaibh gu bheil iad deònach sàbhalaidhean a dhèanamh.

Tha na Lib Deamaich ag iarraidh taic do dhaoine òga gun chosnaidhean agus do ghnìomhachas, a bharrachd air lùghdachadh de thuarasdail àrda anns an roinn phoblaich.

An-dè bha iad ag ràdh gum biodh iad a' feitheamh gus cluinntinn dèÌýchanadh Mgr Swinney mus cuireadh iad romhpa dè dhèanadh iad anns a' chiad bhòt.

An-diugh, ge-tà, tha dùil gun bhòtÌýiad airsonÌýa' bhuidseat a churÌýtroimhe.

Cudromach

Le taic bho na Tòraidhean agus na Lib Deamaich thèid am buidseat troimhe don darna ìre.

An uair sin, dheidheadh a sgrùdadhÌýleis na comataidhean aig Holyrood mus tigeadh e air ais airson treas bhòt - tha dùil gun tachair sin air an treas là den Ghearran.

Aig 1130 an-diugh bha an dithis bhall uaine fhathast a' beachdachadh air a' phlana acasan airson a' chiad bhòt.

Dh'fhaodadh a' bhòt acasan a bhith air leth cudromach, mar a bha an-uiridh.

Ach tha gach sùil air labhraiche ionmhas nan Làbarach Anndra Kerr.

Tha dùil gun bhòt na Làbaraich an aghaidh a' bhuidseat an-diugh. Ach chan e sin deireadh na sgeòil.

Ceangal-rèile Ghlaschu

'S e prìomh ghearan nan LàbarachÌýmar a chaidhÌýcuir às do cheangal-rèile phort-adhar Ghlaschu.

Tha iad air a' cho-dhunadh sin a dhubh-chàineadh, ag ràdh gu bheil an SNP a' cur an aghaidh a' bhaile.

Tha iad ag ràdh gu bheil aig Mgr Swinney ri sealltainn càite am faigheadh iad an t-airgead air a shon.

Cha choltach gun gabh aonta a ruighinn eadar an dà phàrtaidh air a' chuspair seo.

Ach chan eil aire nan Làbarach air a' bhuidseat a-mhàin.

Ma bhòtas iad an aghaidh a' bhuidseat air sgàth a' cheangail-rèile 's urrainn dhaibh a'Ìýchùis a chleachdadh an aghaidh an SNP aig àm an taghaidh.

Saoil an e plana glic a tha seo?

Am bi luchd-bhòtaidh bhon chòrr den dùthaich cho toilichte?

Agus dè thachras mura tèid am buidseat troimhe a' chiad uair, mar a thachair an-uiridh?

Bidh tuilleadh an seo an-diugh fhathast.

Air cùl nan dorsan

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-01-14, 7:40

Beachdan (0)

ThaÌýna Tòraidhean ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba buidseat èiginneach ullachadh - sin a' bharrachd air .

Aig an àm-sa den bhliadhna bidh còmhraidhean a' dol air cùl dhorsan agus an riaghaltas a' sìreadh taic airson a' bhuidseit aca.

As aonais, chan eil tòrr as urrainn don riaghaltas a dhèanamh.

Ach leis nach eil mòr-chuid aig an SNP aig Holyrood tha aca ri aonta a ruighinn le co-dhiù cuid de na pàrtaidhean eile.

'S e seo poileataigs aig an ìre as sìmplidhe - diofar bhall ag argamaid mu dheidhinn airgid.

An turas-sa, ge-tà, chan eil an argamaid sin mu na bhios an riaghaltas a' cosg, ach mu na bhios iad a' gearradh.

Lùghdachadh maoineachaidh

An uiridh, fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean as dèidh dhaibh gealltanasan a dhèanamh air àireamhan oifigearan poileis agus airgead airson leasachadh bhailtean.

An triop-sa, ge-tà, 's e sàbhalaidhean a tha pàrtaidh Annabel Goldie ag iarraidh.

Agus, tha iad ag ràdh gu feum an riaghaltas a bhith deiseal airson ghearraidhean a bharrachd ma thig lùghdachadh maoineachaidh à Westminster as dèidh an taghaidh.

Tha dùil ri ath-sgrùdadh air ionmhas Riaghaltas na h-Alba am bliadhna co-dhiù.

Ach dh'fhaodadh gearradh do bhuidseat an riaghaltais tighinnÌýnas luaithe ri linn buidseit èiginnich bhon t-seansalair ùr.

Carson mar sin, tha na Tòraidhean ag ràdh ri Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, nach seall sibh sinn gu bheil sibh deiseal airson dèiligeadh ri seo ma thig e?

Ã’°ù»å³Ü¾±²µ³ó±ð²¹²Ô-³¦³Ü²Ô²µ²¹¾±»å³ó

Cha ghabh Mgr Swinney -Ìýgu poblach co-dhiù - a' chomhairleÌýseo bho na Tòraidhean agus tha fios acasan nach gabh - 's e cleas a tha seo.

Tha am pàrtaidh ann an Alba - mar a tha Dàibhidh Camshron aig ìre Bhreatannach - ag iarraidh sealltainn gur iad as motha a tha airson grèim fhaighinn air ionmhas na dùthcha.

Chan eil Mgr Swinney, ge-tà, dolÌýa dh'innse do Roinn an Ionmhais ann an Lunainn gu bheil e deònach barrachd ghearraidhean fhulangÌýno dè iad.

Tha fios aige, ge-tà, gur dòcha gum bi aige ris na planaichean aige atharrachadh a-rèirÌýna theireas an seansalair ùr.

Anns an eadar-àma, tha sùil nan Tòraidhean air polasaidhean leithid lùghdachaidh agus cur às do dh'òrduighean-cungaidh is iadsan a' cumail a-mach gu bheil iad fada ro chosgail.

BidhÌýiad ag iarraidh gluasad air choireigin bhon riaghaltas mus toir iad taic don bhuidseat.

Bliadhna an taghaidh

Thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat an ath-sheachdainn.

Tha dùil an uairsin gun bhòt na Làbaraich na aghaidh is iad mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhair Ghlaschu

Tha na Lib Deamaich ag iarraidh gearradh do na tuarastalan as àirde anns an roinn phoblaich.

Tha na h-Uainich - a bu choireach gu ìre mhòr gun do dh'fhàilig am buidseat a' chiad uair an uiridh - mì-thoilichte leis a' bhuidseat cuideachd.

Tha uallach air an riaghaltas an suidheachadh sin a sheachnadh an turas-sa.

Ach ann am bliadhna an taghaidh, chan ann gu furasta a gheibh iad an taic a tha dhìth orra bho na pàrtaidhean eile.

Deireadh na loidhne?

Ìýjimmather130110bordera.jpg

Mar a bhios fios aig feadhainn agaibh, thug an riaghaltas cead an t-seachdainn 's a chaidh airson loidhne mòire dealain eadar a' Mhanachainn agus Deanaidh ann an Siorrachd Shruighlea.

Bhithinn-sa air sgrìobhadh mu dheidhinn an uair sin ach bha m' aire air bùrach air choireigin aig Westminster.

An-diugh tha cothrom agam sin a chur ceart, as dèidh do Rùnaire na Cumhachd, Jim Mather, nochdadh air beulaibh comataidh aig Holyrood gus ceistean a fhreagairt mun phròiseact.

Tha seo air a bhith glè chonnspaideach - thog còrr is 18,000 duine beachd an aghaidh na loidhne.

Bidh i a' ruith fadÌý137 mìle eadar an dà bhaile le 600 crann air an t-slighe.

Tha sin nas lugha na tha oirre an-dràsta, ach bidh cuid dhiubh còrr is 200 troighÌýa dh'àirde.

°ä±ôà°ù-²¹³¾²¹

Tha cuid draghail gun dèan i cron air an àrainneachd - ged a tha am ball uaine Pàdraig Harvie air a bhith ag argamaid air a shon.

Tha ceist cuideachd mun chosgais - a-rèir tuairmse, dh'fhaodadh e bhith cho àrd ri £400m.

'S e beachd an riaghaltais gu bheil i a dhìth airson ceangal a dhèanamh eadar cumhachd ath-nuadhachail a tha ga chruthachadh mu thuath, agus an griod nàiseanta.

An-diugh, bha buill na comataidh airson Mgr Mather a cheasnachadh mun phròiseas dealbhachaidh agus mun chlàr-ama.

Nuair a chaidh fhoillseachadh, thuirt an riaghaltas gu feum an obair toiseachadh taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus gu feum i bhith deiseal as dèidh deich bliadhna.

Cha d' fhuairÌýbuill na comataidh barrachd soillearachaidh air sin.

Ach bha rudeigin ann do dhaoine a tha draghail mu bhuaidh a' phroiseict air an àrainneachd.

Fon talamh

Thuirt Mgr Mather gun gabh pàirt den loidhne a chur fon talamh fhathast.

Ach bidh sinÌýan urra risÌýan luchd-leasachaidhÌý- Scottish and Southern Energy.

Cha b' urrainn don riaghaltas toirt orra an t-slighe sin a ghabhail.

B' e seo fear de na molaidhean a bha aig daoine a bha draghail mun bhuaidh a bhiodh aig an loidhne air boidhchead nan sgìrean troimhe aÌýbheil i a' ruith.

An e seo an dòigh air adhart airson a' phròiseict?

Agus a bheil am ministear air gu leòr a dhèanamh airson na draghan seo a lùghdachadh?

Glaschu an Ear...a-rithist

Bha mi air ais ann an Glaschu an Ear an-diugh.

Chuir mi seachad grunn sheachdainnean anns an sgìre aig àm an fho-thaghaidh ann an 2008.

Agus tha cuimhne shoillear agam air an oidhche nuair a ghoid Iain Mason an sgìre airson an SNP airsonÌýa' chiad uair a-riamh.

Air an oidhche ud bha na nàiseantaich air an dòigh agus deòir ann an sùilean nan Làbarach.

Ann an dòigh, cha do stad an iomairt airson Ghlaschu an Ear, ged a chaidh Mgr Mason a thoirt do Westminster airson an sgìre a riochdachadh.

Ach a-nis 's e blàs eadar-dhealaichte a tha oirre.

Airgead Eòrpach

An-diugh, bha Ailig Salmond agus Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, aig Colaiste Iain Wheatley ann an Easterhouse airson co-labhairt mu dheidhinn chosnaidhean.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear £34m de dh'airgead Eòrpach a bhios a' chruthachadh - da rèir-san - 193 dreuchd ann an Alba.

Thèid £18m dhiubh sin a chosnadh air pròiseactan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.

Mhol Mgr Murphy na bha Riaghaltas Bhreatainn a' dèanamh gus taic a thoirt do chosnaidhean ann an Alba.

Thuirt an dithis gun robh iad airson poileataigs fhàgail aig an doras.

Cha robh i fad air falbh ge-tà.

Fìor dhuilich

Tha Màiread Curran airson an sgìre fhaighinn air ais airson nan Làbarach aig an taghadh.

B' ise a sheas an aghaidh Iain Mason anns an fho-thaghadh agus a bhios a' riochdachadh Baillieston ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chan eil ach 365 bhòt eadar an dà phàrtaidh - cha b' urrainn dha bhith na b' fhaisge.

Gu ruige 2008 bha Glaschu an Ear na sgìre Làbarach cha mhòr bhon a thàinig am pàrtaidh Làbarach gu bith.

Dh'aidichÌýduine ann an iomairt nan nàiseantach dhomh gum biodh e fìor dhuilich dhaibh grèim a chumail air an sgìre.

'S e seo tè dhe na sabaidean as cruaidhe a bhios ann an Alba nuair a thig an taghadh.

Brown fhathast ann

Ged a chaidh an ceòl a chur air feadh na fidhle le Geoff Hoon agus Patricia Hewitt an-dè, dh'fhàilig an oidhirp aca bhòt adbharachadh air ceannas Ghòrdon Brown.

Aig a' cheann thall, cha d'fhuair iad taic gu leòr bho na cùl-bheingearan, no taic sam bith bho bhuill a' chaibineit.

Bu shlaodach a thàinig ministearan a-mach, agus bu bheag an taic a thug cuid dhiubh don phrìomhaire.

Ach, mean air mhean, dh'fhàs e soillear nach faigheadh anÌýdithis seann mhinistearanÌýan taic aÌýbha dhith orra.

Agus nuair a thàinig a' mhadainn, bha Brown fhathast ann.

Leònte, ach beò fhathast.

Abair iongnadh

Nuair a bhruidhinn mi ri Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, rinn e a thaic do Mhgr Brown glè shoillear.

Abair iongnadh a bha ormsa, mar sin, nuair a chaidh ainmeachadh le Nick Robinson mar fhear den t-sianar mhinistearan air an robh Hoon agus Hewitt a' feitheamh airson taic don iomairt aca.

As dèidh mhionaidean bha Mgr Murphy air freagairt fhoillseachadh ag ràdh nach robh seo ach "a' tarraing aire bho obair chudromach"Ìýan riaghaltaisÌýa thaobh chosnaidhean agus na h-eaconamaidh.

Aig deireadh na h-oidhche, .

AchÌýrinn seo cronÌýair Gòrdon Brown.

Agus, tha na nàmhaidean aige anns a' phàrtaidh aigeÌýfhèin airÌýspionnadh a thoirt dhaibhsan air an taobh a-muigh.

Sgaraidhean mòra

A-nis tha .

Na bheachd-san, chan e baileat anns a' phàrtaidh Làbarach a tha a dhìth, ach bhòt a' mhòr-shluaigh ann an taghadh coitcheann.

ThaÌýcuimhne aig Mgr Camshron dè cho duilich 's a bha cùisean do na Tòraidhean nuair a b' e beachd an t-shluaigh gun robh sgaraidhean anns a' phàrtaidh.

Tha dreuchd Ghòrdon Brown a-nis air fàs fiù 's nas duilghe.

Murphy a' toirt taic ri Brown

Tha mi dìreach as dèidh bruidhinn ri Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy mu cheannas a' phàrtaidh Làbaraich.

Sin as dèidh mar a chaidh aithris gun do dh'iarr dithis seann mhinistearan, Geoff Hoon agus Patricia Hewitt, bhòt dhiamhar air am bu chòir Gòrdon Brown fuireach mar cheannard.

Tha iad air litir a chur gu gach ball Làbarach aig Westminster a' sìreadh taic airson a leithid.

On uair sin tha Teàrlach Clarke, Frank Field agus eile air taic a thoirt don iarrtas.

Cha chuir sin iongnadh air duine sam bith.

Tha sinn a' feitheamh air beachdan bho mhinistearan a' chaibineit.

Aire a' phàrtaidh

Fhuair mi grèim air fear dhiubh agus e a' tadhail air luchd-obrach a' feuchainn ris an t-sneachda a sgaoileadh.

Thuirt Mgr Murphy nach robh bhòt a dhìth mu cheannas a' phàrtaidh.

Bu chòir, am beachd Mhgr Murphy, aire a' phàrtaidh a bhith air an eaconamaidh.

Na bheachd,Ìýbu chòir dhaibhÌýsabaid leis na TòraidheanÌýseach eadar iadÌýfhèin.

Tha tòrr an crochadh air na thachras anns na beagan uairean a thìde a tha romhainn.

Leigidh miÌýfios.Ìý

Ceann goirt is àrachas?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-05, 15:16

Beachdan (0)

An d' rinn sibh gealltanas sam bith airson na bliadhna ùir?

A bheil càil sònraichte a tha sibh airson dèanamh am bliadhna-sa, no càil a bu mhiann leibh trèigsinn?

A-rèir coltais, chan eil sinn cho math ris na gealltanasan seo a choilionadh.

Dè cho glic 's a bha e, mar sin, nuair a thug Riaghaltas na h-Alba gealltanas seachad an-diugh gun deilig iad ri daoine nach eil a' fuireach air an cuid chroitean?

Dh'iarr Ministear na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagain, air Ùghdaras na Croitearachd cùisean nas sine na 10 bliadhna a choilionadh.

A-rèir tè-labhairt an riaghaltais, 's e iarrtas na bliadhna ùir a bha seo.

Cumhachdan ùra

Thuirt i gun do nochd draghan mu dhaoine nach robh a' fuireach air an cuid chroitean glè thrice agus an riaghaltas a' sìreach bheachdan mu bhile na croitearachd.

mar thrioblaid mhòr do chroitearachd san àm ri teachd.

A-rèir an riaghaltais tha 17963 pìos fearrainn air an clàradh gu h-oifigeal mar chroitean.

Tha 1827 dhiubh sin far nach eil an duine aig a bheil a' chroit a' fuireach 16 mile no nas fhaisge oirre.

tro Phàrlamaid na h-Alba bidh trioblaidean ùra aig Ùghdaras nan Croitearan gus dèiligeadh ri seo.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha am ministear airson 's gun cleachd iad na cumhachdan a tha aca mar-thà.

Connspaid

Cha bhi connspaid fad air falbh nuair a thèid an riaghaltas an-sàs ann an croitearachd.

Is cinnteach nach bi a h-uile duine toilichte le gealltanas na bliadhna ùir seo bho Roseanna Choineagain.

Agus tha aice fhathast ris a' bhile fhèin fhaighinn tron phàrlamaid.

Saolaibh an e bliadhna mhath ùr a bhios aice, no dìreach ceann goirt is àrachas?

Toiseach na bliadhna ùir

Bliadhna mhath ùir dhuibh uile.

Tillidh na pàrlamaidean aig Holyrood agus Westminster an-diugh.

Mu dheas, tha an iomairt fhada air tòiseachadh mar-thà airson an taghaidh choitchinn.

Chan eil dùil ris gu An Cèitean - no 's dòcha am Màrt - ma thèid Gòrdon Brown don lùchairt tràth.

Ach tha na pàrtaidhean a-nis a' strì airson gach bhòt agus iad a' cur na polasaidhean aca air beulaibh a' mhòr-shluaigh.

Aig a' cheart àm tha gnothaichean fhathast rin dèanamh aig Westminster mus tèid na buill a sgaoileadh - dèiligeadh ri sgainneal nan cosgaisean nam measg.

Buidseat an riaghaltais

Mu thuath, tha sùilean a' tionndadh gu buidseat an riaghaltais agus na buill gu bhith a' bhòtadh air as t-Earrach.

An uiridh, thuit am buidseat air bhòt an oifigeir riaghalaidh agus bha aig an riaghaltas ri dhol air ais don phàrlamaid ri dreach eile.

Bidh iad airson an suidheachadh sin a sheachnadh an turas-sa.

Tha fios aig Holyrood gun toir an dol a-mach buaidh air toradh an taghaidh choitchinn agus cumaidh iad aon sùil co-dhiù air an iomairt.

'S e bliadhna mhòr a bhios ann airson poileataigs na dùthcha.

Cumaidh am blog seo dà shùil air.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.