´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-04

Sgìrean targaid: Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach & Srath Spè

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-28, 18:15

Beachdan (1)

Ghabh na Lib Deamaich an sgìre ùr de dh'Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè ann an 2005.

B' e Danny Alexander ball na sgìre anns a' phàrlamaid mu dheireadhÌý- fear a tha glè chudromach do dh'iomairt a' phàrtaidh aig ìre nàiseanta.

'S e Mgr Alexander a tha os cionn sgiopa ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg.

As dèidh a' bhuaidh a thug a' chiad dheasbadÌýair na cùnntasan-bheachd, is cinnteach gu bheil Mgr Alexander air a bhith air leth trang.

Thuigeadh sibh, 's dòcha, nan robh aire Mhgr Alexander air cùisean taobh a-muigh na sgìre aige fhèin.

Ach,Ìý's coltachÌýgur ann air gearraidhean do sheirbhisean ionadail a tha aire a' mhòr-shluaigh.

Gearraidhean

Tha tagraiche an SNP, Iain Finnie, air na Lib Deamaich a chàineadh, ag ràdh gu bheil iad airson gearraidhean cruaidhe a thoirt do seirbhisean air Ghàidhealtachd.

'S iad na Lib Deamaich agus na Làbaraich a tha a' ruith Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha dragh air daoine anns an sgìre gun tèid goireasan leithid ionadan comhairsneachd agusÌýsgoiltean a dhùnadh ri linn gearraidhean a thig as dèidh an taghaidh.

Ach, coltach ris an deasbad nàiseanta, chan i a' cheist am bi gearraidhean ann, ach càite, cùine agus dè cho domhainn 'sÌýa bhios iad.

BhruidhinnÌými ri tagraiche nan Làbarach, Mike Robb, taobh a-muigh ionad coimhearnachd ann an Inbhir Nis fhèin.

Thuirt Mgr Robb gun dìonadh esan na seirbhisean as bunaitiche bho ghearraidhean nam pàrtaidhean eile.

In-imreachd

Tha na Lib Deamaich fo uallach an seo cuideachd as dèidh mar a rinnÌýNick Clegg iomradh air Inbhir Nis ann an agallamh leis a' BhBC.

Dh'innis Mgr Clegg do Jeremy Paxman gur e Inbhir Nis fear dhe na h-àiteachan far an robh barrachd in-imreach a dhìth.

Tha tagraiche nan Tòraidhean anns an sgìre, Jim Ferguson, feargach mu dheidhinn seo.

Dh'iarr esan air daoine a tha mì-thoilichte mu na thuirt Mgr Clegg taic a thoirt dhàsan aig an taghadh seo.

Aig ìre nàiseanta, tha na Lib Deamaich air a bhith a' dèanamh nas fheàrr anns na cùnntasan-bheachd na rinn iad a-riamh.

'S e buille mhòr a bhiodh ann don phàrtaidh nan cailleadh iad an seat seo, tha aig cridhe iomairt nan Lib Deamach, mar a tha e aig cridhe Gàidhealtachd na h-Alba.

Bidh aithris shònraichte àÌýInbhir NisÌýair An Là, air ´óÏó´«Ã½ Alba a-nochd aig 8f.

Sgìrean targaid: Na h-Eileanan an Iar

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-27, 12:43

Beachdan (0)

Ged a tha e fad air falbh, bheir na co-dhùnaidhean a thèid a dhèanamh ann an Taigh nan Cumantan buaidh mhòr air coimhearsnachdan nan Eilean Siar.

An turas-sa, b' urrainn do thoradh an taghaidh anns na h-Eileanan buaidh a thoirt air Westminster cuideachd.

Ghabh Aonghas Brianan MacNeil an seat seo ann an 2005.

Ach tha a' bheàrn eadar an SNP agus na Làbaraich nas lugha na 1500 bhòt.

Chaidh còrr is 1000 bhòt don a' phàrtaidh Chrìosdail aig an taghadh mu dheireadh.

Ach an turas-sa, bidh cùisean airgid co-dhiù cho cudromach 's a bhios cùisean spioradail.

Connadh

Anns a' phàrlamaid mu dheireadh dh'fhàs Mgr MacNeil ainmeal airson aire a thoirt do sgainneal nan urraman. Ach chan ann mu dheidhinn sin a tha e a' bruidhinn aig an taghadh seo.

ChàinÌýMgr MacNeil amÌýpàrtaidhÌýLàbarachÌýmu phrìs àrd a' chonnaidh, ag ràdh gunÌýdo thuig daoine gun robhÌý³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô connaidh fo smachd an riaghaltais aigÌýWestminster.

Tha na Lib Deamaich airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô connaidh a chur suas - ach a-rèir tagraiche a' phàrtaidh, Jean Davis, tha coimhearsnachdan iomalach leithid nan Eileanan Siar ann an suidheachadh eadar-dhealaichte.

'S eÌýan dòchas a tha aicese gun toir muinntir nan Eilean taic ri polasaidh a' phàrtaidhÌýprìsean a chumail sìos ann an àiteachan far nach gabh carbadan a sheachnadh.

Tha draghan mu dheidhinn chosnaidhean aig cridhe an taghaidh anns na h-Eileanan - achÌýciamar aÌýghabhasÌýeaconomaidh na sgìre a bhrosnachadh?

A-rèir tagraiche nan Làbarach, Dòmhnall Iain MacSuain, is esan an duine leis a' phlana as fheàrr airson sin dhèanamh.

°ä±ô¾±Ã¹

Ach a bheil daoine a' creidsinn gu bheil comas aig tagraiche sam bith cùisean a dhèanamh nas fheàrr?

ThuitÌýcliù luchd-poileataigs gu mòrÌýri linn sgainealÌýnan cosgaisean - rud a chuireadh na Tòraidhean ceart, a-rèir tagraiche a' phàrtaidh Sheena Norquay.

Ach, b' urrainn do fhearg le buill-pàrlamaid cothroman aÌýthoirt do thagraichean eile.

Tha an neo-eisimileach, Murchadh Moireach - a sheas roimhe airson a' phàrtaidh Chrìosdail - den bheachd gu bheil sinn ann an suidheachadh sònraichte an turas-sa.

Ann an dòigh, tha poileataigs nan Eilean Siar eadar-dhealaichte bhon chòir den dùthaich.

Ach, ann an dòigh eile, tha i gu math coltach ri poileataigs na h-Alba air fad - dà phàrtaidh a' sabaid airson làmh-an-uachdair, ach dh'fhaoidte gur e a' bhòt airson nan daoine eile a nì an diofar eatorra.

Bidh aithris shònraichte àsÌýna h-EileananÌýan IarÌýair An Là, air ´óÏó´«Ã½ Alba a-nochd aig 8f. Bidh anÌýtreas aithris - à Inbhir NisÌý- air a' phrògram a-màireach.

Sgìrean targaid - Earra-Ghaidheal agus Bòid

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-26, 19:27

Beachdan (0)

'S e Earra-Ghaidheal agus Bòid te dhe na sgìrean-pàrlamaid as motha ann am Breatainn.

Tha e a' gabhail a-steach bailtean, mar an t-Òban agus Dùn Òmhainn, agus eileanan mar Ìle, Tiriodh agus Muile.

Tha poileataigs na sgìre dìreach cho toinnte.

Tha muinntir Earra-Ghaidheal air a bhith a' cur Lib Deamach do Westminster o na h-ochdadan ach aig an taghadh seo tha ceithir pàrtaidhean as motha uile a' sabaid gu cruaidh airson na sgìre.

Tha Ailean Reid a' dìon mòr-chuid de 5636 airson nan Lib Deamach ach tha na Tòraidhean airson an seat a ghabhail bhuapa an turas-sa.

Agus ged aÌýbha iad anns a'Ìýcheathramh àite ann an 2005, tha aire an SNP air Earra-Ghaidheal cuideachd, as dèidh mar a ghabh Jim Mather e airson nan nàiseantach aig an taghadh Albannach ann an 2007.

Trident

Ao-choltach ris an seat aig Holyrood, ge-tà,Ìýtha an seat aig Westminster a' gabhail a-steach Baile Eilidh, Faslane agus Trident.

Tha an SNP airson cur às do Thrident uile gu lèir, agus tha na Lib Deamaich airson siostam eile a chur na àite.

Tha tagraiche nan Tòraidhean, Gary Mulvaney -ÌýaÌýtha stèidhichte ann am Baile Eilidh - air draghan a thogail mun àireamh de chosnaidhean a dheidheadh a chall nan deach cur às do Thrident.

Ach tha Mike MacCoinnich bhon SNP a' cumail a-mach gun gabhadh cosnaidhean a chumail as aonais Thrident. Na bheachd-san 's e an roghainn eadar a bhith a' gearradh sgoiltean agus ospadalan no a bhith a' gearradh Thrident.

A-measg na rudan eile a tha gan deasbad aig an taghadh seo ann an Earra-Ghàidheal agus Bòid tha seirbhisean aiseig.

Tha ³¦Ã²³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô fo smachd Holyrood. Ach tha na pàrtaidhean eileÌýair an SNP a chàineadh airson sgeama RET a chur air dòigh airson nan Eilean Siar, ach chan ann airson na mòr-chuid de dh'Earra-Ghaidheal.

µþà³Ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô

A-rèir tagraiche nan Làbarach, Dàibhidh Greumach, b' e 'barrachd bhòtaichean, barrachd bhàtaichean' sluagh-ghairm an SNP ann an 2007.

ThaÌýesan a' creidsinn gun dèan sin cron orra an dà chuid aig an taghadh seo agus aig an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Mar as àbhaist, 's e Earra-Ghaidheal agus Bòid an sgìre Albannach mu dheireadh a dh'fhoillseachas torradh.

Bidh aig na tagraichean ri feitheamh gu ruige an ath là mus ionnsaich iad cò dhiubh a thèid a chur do Thaigh nan Cumantan airson an sgìre a riochdachadh.

Ma bhios cùisean cho teann 's a tha na cùnntasan-bheachd ag ràdh, dh'fhaoidte gum bi torradh an taghaidh fhèin an crochadh air na thachras an seo.

An uair sin, bidh gach sùil ann am Breatainn air Earra-Ghaidheal agus Bòid.

Bidh aithris shònraichte à Earra-Ghaidheal air An Là, air ´óÏó´«Ã½ Alba a-nochd aig 8f. Bidh an dàrna aithris - às na h-Eileanan an Iar - air a' phrògram a-màireach.

Manifesto nan Lib Deamach

Abair seachdainn a tha air a bhith aig na Lib Deamaich on a' chiad dheasbad eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg an t-seachdain a chaidh.

A-rèir nan cùnntasan-bheachd thug an deasbad buaidh mhòr air an iomairt, agus tòrr dhaoine ag ràdh a-nis gun cuir iad taic ris na Lib Deamaich.

Ma mhaireas a' bhuannachd a fhuair a' phàrtaidh bhon deasbad tha e glè choltach gum bi pàrlamaid gun mhòr-chuid ann agus cothrom aig na Lib DeamaichÌýpàirt a ghabhailÌýanns an riaghaltas ùr.

Bidh cùisean nas duilghe do Mhgr Clegg a-nochd agus uallach mòr air ceannard nan Lib Deamaich soirbhicheadh a-rithist.

Dh'fhaodadh gun toir a' chuspair - cùisean cèin - dùbhlan do Mhgr Clegg cuideachd, agus deagh sheans gunÌýtig polasaidhean a' phàrtaidh air an Roinn Eòrpa fo sgrùdadh leis na ceannardan eile.

Ach a dh'aindeoin sin uile, bidh na Lib Deamaich glè thoilichte ron deasbad ann am Bristol a-nochd.

Alba

An seo ann an Alba, chaidh manifesto na Lib Deamach fhoillseachadh an-dè.

.

Tha am pàrtaidh a' bruidhinn mu cheithir cuspairean aig an taghadh seo - ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô cothromach, cothroman do dhaoine òga, eaconomaidh nas cothromaiche agus poileataigs nas glaine.

Fo phlanaichean a' phàrtaidh, cha phàigheadh daoine ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô air a' chiad £10,000 a bhiodh iad a' cosnadh - tha na Lib Deamaich ag ràdh gun toireadh seo £700 don mhòr-chuid de dhaoine.

Tha iad airson airgead a bharrachd a thoirt do sgoiltean - ged a tha foghlam fo smachd Holyrood.

Agus, tha iad airson na bancaichean a bhriseadh sìos agus a' chumhachd a thoirt do dhaoine buill-pàrlamaid aÌýchur far an dreuchdan.

Seachdain mhath

Ann an Alba,Ìýtha naÌýLib DeamaichÌýagÌýiarraidhÌýceithir seataicheanÌýa bharrachd air an 12 a tha aca an-dràsta - 's iad Dùn Èideann a Deas, Obair Dheathain a Deas, Dùn Èideann a Tuath 's Lìte agus Glaschu a Tuath.

As dèidh seachdaine maithe anns na cùnntasan-bheachd, tha sgiopa nan Lib Deamach ann an Alba an dòchas gum bi e nas fhasa dhaibh grèim fhaighinn air na ceithir seataichean seo, agus grèim a chumail air a' chuid a tha aca mar-thà.

Ach dh'aidich fear dhiubh dhomh gum bi e duilich dhaibh fhathast seataichean eile a ghabhail - fiù 's far an robh iad anns an dàrna àite ann an 2005.

Tha an iomairt a' ruith aig co-dhiù dà ìre - an ìre nàiseanta a thachras gu ìre mhòr air telebhisean, agus an ìre ionadail leis na tagraichean ionadail agus cuspairean ionadail.

'S i a' cheist dè a' bhuaidh a bheir an deasbad nàiseanta air na h-iomairt ionadail, gu h-àraid anns na sgìrean targaid.

Chì sinn ciamar a sheasas cùisean as dèidh an dàrna dheasbaid a-nochd.

Manifesto an SNP

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-21, 13:04

Beachdan (1)

Tha Manifestothan Albannach nan ceithir pàrtaidhean as motha againn a-nis.

Sgrìobhaidh mi a dh'aithghearr mu fhear nan Lib Deamach a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Ach, an toiseach, Manifesto an SNP a nochd an-dè.

A-rithist, .

'S eÌýamas nan nàiseantach 20 ball-pàrlamaid a chur gu Westminster - chan eil aca ach seachdnar an-dràsta.

A bheil gu leòr anns a' mhanifesto seo airson sin a dhèanamh?

Polasaidhean

Chan eil eÌýcho fada agus trom 's a tha manifestothan nan LàbarachÌýno nan Tòraidhean - agus tha e furasta sin a thuigsinn.

Chan urrainn don SNP riaghaltas a chruthachadh aig Westminster, agus anns a' mhanifesto aca tha iad ag ràdh nach gabhadh iad pàirt ann an riaghaltas le pàrtaidh sam bith eile.

Mar sin dheth, chan eil am manifesto seo na liosta de pholasaidhean a chuireadh riaghaltas an gnìomh.

An àite sin, tha an SNP a' feuchainn ri mìneachadh dè dhèanadh iad agus iad airson buaidh a thoirt air an riaghaltas ann am pàrlamaid gun mhòr-chuid.

As dèidh a' chiad dheasbaid eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg tha e a' coimhead nas coltaiche gun tachair sin.

A-rèir an SNP b' e sin an toradh a b' fheàrr leothasan - agus an toradh a b' fheàrr do dh'Alba.

Gearraidhean

Aig cridhe a' mhanifesto seo tha teachdaireachd gu math sìmplidh - mar as motha an àireamh de bhuill nàiseantach a chuireas muinntir na h-Alba do Westminster 's ann as lugha a bhios na gearraidhean a thèid a thoirt far buidseat na h-Alba as dèidh an taghaidh.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil iadsan cleachdte ri pàrlamaid gun mhòr-chuid - aig Holyrood.

Tha iad ag ràdh gunÌýcuireadh iad taic ris an riaghaltas aig Westminster bhòt air bhòt - mar a nì na dùbhlanaich aig Holyrood mar-thà.

Agus airson airgead a shàbhaladh, chuireadh iadsan às do Thaigh nam Morairean, Oifis na h-Alba agusÌýan siostam armachd niuclasaich Trident.

Tha aig an SNP ri sealltainn gu bheil iad fhathast cudromach ann an taghadh do Thaigh nan Cumantan.

Tha iad an dòchas gun dèan an argamaid aca an aghaidh ghearraidhean à Westminter an gnothach dhaibh.

Manifesto nan Tòraidhean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-20, 16:09

Beachdan (0)

Anns na beagan làithean a dh'fhalbh, tha mi air a bhith a' siubhail air feadh Alba, a' clàradh phìosan ann an grunn sgìrean mu dh'iomairt an taghaidh.

Thèid an craoladh air An Là an ath-sheachdainn agus seachdainn an taghaidh fhèin.

'S ann air sgàth sin gun robh am blog car sàmhach o chionn greis.

A-màireach - ma bhios an itealan a' dol - thèid mi gu Leòdhas airson fiolm eile a chlàradh an sin.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha na h-iomairtean nàiseanta air a bhith trang glè thrang cuideachd.

An-dè, chaidh Manifesto Albannach eile fhoillseachadh - an turas-sa leis na Tòraidhean.

Cuireadh

.

Seo a' chiad rud don a mhothaich mi dè cho trom 's a tha e - 124 duilleag uile gu lèir.

As dèidh 13 bliadhna air na beingean dùbhlanach, tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil planaichean mòra, susbainteach aca airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha againn.

AchÌý's eÌýfeallsanachd a bharrachd air dìreach stoidhle a tha eadar-dhealaichte mun mhanifesto seo.

Air còmhdachÌýa' mhanifestoÌýtha na faclan 'cuireadh a dhol an sàs ann an Riaghaltas Bhreatainn'.

Dè dìreach a tha sin a' ciallachadh ge-tà?

Cumhachd

Ma tha na Làbaraich a' coimhead ris an stàit airson trioblaidean na dùthcha a chàradh, tha na Tòraidhean airson cumhachd a thoirt do dhaoine sin a dhèanamh anns na coimhearsnachd aca fhèin.

B' urrainn, mar eisimpleir, doÌýphàrantan sgoiltean ùra fhosgladh ma bhios iad mì-thoilichte leis an sgoil ionadail aca.

ThaÌýna TòraidheanÌýcuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine ceannardan poilis a thaghadh, no buill-pàrlamaid a chur far an dreuchdan.

Ach, coltach ri manifesto Albannach nan Làbarach, tha na Tòraidhean a' bruidhinn mu chùisean a tha fo smachd Westminster - cùisean nach gabh atharrachadh leotha fiù 's ma bhuannaicheas iadÌýaig an taghadh seo.

Tha trioblaid Albannach eile aig na Tòraidhean. Chan eil aca an-dràsta ach aon bhall Albannach anns na Cumantan,Ìýsuidheachadh a bhiodh duilich dhaibh nan robh riaghaltas Tòraidheach aig Westminster as dèidh an taghaidh.

Tha am pàrtaidh ag obair gu cruaidh, mar sin, airson sin atharrachadh.

Manifesto...na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Dh'fhoillsich na Tòraidhean manifesto a' phàrtaidhÌýna bu tràitheÌý- sgrìobhaidh mi barrachd mu dheidhinn nuair a thèid an dreach Albannach fhoillseachadh an ath-seachdainn.

Anns an eadar-ama, chaidh manifesto eile fhoillseachadh an-diugh.

Coltach risÌýan fheadhainnÌýeile a chì sinnÌýan t-seachdainn-saÌýtha e a' cur adhart amasan airson na bliadhnaichean a tha romhainn agus targaideanÌýa ghabhas cleachdadh gus tomhas an deach na h-amasan sin a cholionadh.

Agus - coltach ris an manifestothan eile - tha e faiceallach gun a bhith a' dèanamh ghealltanasanÌýnach gabh a chur an gnìomh, gu h-àraid nuair a tha airgead gann.

'S e ainm a' mhanifesto seo Ginealeach Ùr na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ,Ìýagus chaidh a chur ri chèile le Bòrd na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ as dèidh iarrtais bho Riaghaltas na h-Alba.

'S e amas a' phlana "àireamh luchd-labhairt na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a mheudachadh" - saoil an obair e?

Còig Rudan

Tha am plana - - a' toirt sùil air còig rudan gu sònraichte:

'S iad taic do phàrantan, adhartachadh na cànain, ionnsachadh inbheach, foghlam do chloinn fo aois sgoile, agus foghlam do chloinn aig aois sgoile.

'S e amas a' Bhuird 100,000 neach-labhairt a ruighinn ro 2025 agus tha am plana gnìomha seo a' foillseachadh slighe don targaid sin.

A-measg na gnìomhan a tha anns a' phlana tha barrachd chothroman do phàrantan a bhith air am bogadh anns a' chànain, agus iomairt nàiseanta airson inbhe na cànain a thogail.

Tha am Bòrd a' moladhÌýtuilleadh airgid airson an dòigh ionnsachaidh Ùlpan a leasachadh, a bharrachd air leasachadh air an làrach-linn chonnspaideach

Cuideachd,Ìýtha am plana a' moladh iomairt gus taic a thoirt do chloinn fo aois sgoile ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail, a thuilleadh air barrachd foghlaim tron Ghàidhlig airson choinn nas sine.

Deasbad

Mar a bhiodh dùil. chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air a' plana.

Ach an-diugh, dh'iarr Ministear na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Fiona Hyslop air a' bhòrdÌýaire shònraichte a thoirt air dìreach trì rudan - foghlam do chloinn fo aois sgoile, ionnsachadh inbheach, agus foghlam tro meadhan naÌýGhàidhlig.

Am beachd an riaghaltais 's iad na rudan as cudromaiche airson àireamh luchd-labhairt na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail.

Ach dè ur beachdan fhèin?

Bidh cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba a' chùis a dheasbad diardaoin.

Anns an eadar-ama, carson nach cleachd sinn am blog seo airson deasbad a chumail? Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

Manifesto nan Làbarach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-12, 18:39

Beachdan (0)

Dh'fhoillsich na Làbaraich am manifesto Albannach aca an-diugh.

Gheibh sinn manifestothan bho na pàrtaidhean eile anns na beagan làithean a tha romhainn.

Tha feadhainn gu math amharasach mu mhanisfestothan, agus iad teagmhach gun tèid na gealltanasan a tha nam broinn a cholionadh

Ach tha iad cudromach - 's e cumhnantan a tha annta eadar pàrtaidh agus an luchd-bhòtaidh.

Tha e nas duilghe do na dùbhlanaich -Ìýno cul-bheingearan pàrtaidh an riaghaltais fhèin -seasamh an aghaidh rudeigin a bha ann am manifesto a fhuair taic bhon mhòr-shluagh.

Mar sin, dè tha ann am manifesto nan Làbarach?

Taghadh Albannach

Is urrainn do dhaoine a tha airson a sgrùdadh gu mionaideach .

Ach mhothaich mì fhìn do rud no dhà mar-thà.

An toiseach, tha am manifesto a' dèiligeadh ri rudan a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba, a bharrachd air na rudan a tha glèidhte do Westminster.

Tha na Làbaraich ag ràdh gum feuch iad ris a' phrogram aca gu lèir a chur an gnìomh - pàirt dheÌýmar riaghaltas mu dheas, agus pàirt eile mar dhùbhlanaich mu thuath.

Chan urrainn do thagraichean cuspairean mar shlàinte agus foghlaim a sheachnadh, agus mar sin dheth tha seo a' dèanamh ciall.

Ach tha e follaiseach cuideachd gu bheil aon shùil aig na Làbaraich air an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

SporanÌý

'S e an rud eile a bhuaileas ormsa gu bheil na Làbaraich a' feuchainn ri gealltanasan mòra a sheachnadh, gu h-àraid gealltanasan a tha cosgail.

Tha seo furasta a thuigsinn - an toiseach, chan eil tòrr anns an sporan.

Ach, aig a' cheart àm, tha iad a' tomhas nach biodh an luchd-bhòtaidh gan creidsinn co-dhiù.

Tha e soilleir mar-thàÌýgum biÌýearbsaÌýaig cridhe an taghaidh seo.

Tha sgainneal nan cosgaisean a' fàgail gu bheil earbsa ann an luchd-poileataigs fiù 's nas ìsle na bha i roimhe.

'S e amas manisfesto nan Làbarach toirt air an luchd-bhòtaidh creidsinnÌýgun gabh earbsa a chur anntasan airson ceithir no còig bliadhna eile.

Saol an soirbhich leotha?

Barrachd air na pàrtaidhean eile tron t-seachdainn.

Atharrachadh beachd air Stuart MacLennan

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-09, 14:27

Beachdan (0)

Ìý

labour0904.jpg

Tha sinn air tòrr a chluinntinn mun bhuaidh a bheireadh Twitter air iomairt an taghaidh.

An-diugh, thug e fìor bhuaidh oirre.

Anns a' mhadainn, chaidh aithris gun robh tagraiche nan Làbarach ann am Moireabh air slaic a thoirt air luchd-poileataigs agus daoine eile tron chùnntas Twitter aige.

Cha gabh tòrr de na thuirt e ath-aithris an seo, ach bha e làn fhaclan le ceithir litrichean agus rudan eile nach gabhadh a chur an clò.

Anns a' mhadainn, ge-tà, chuir am pàrtaidh taic ri Stuart MacLennan.

Sin a dh'aindeoin gairm bho phàrtaidhean eile a chur far a dhreuchd.

Dà each

Bha mise ann an Sruighlea anns a' mhadainn, far an robh Iain Gray agus Jim Murphy a' foillseachadh sanas ùr a' phàrtaidh Làbaraich.

Anns an t-sanas - a rinn iomradh air a' Ghrand National a-màireach - bha dà each, agus na Làbaraich ag ràdh nach robh ach dà phàrtaidh a bha cudromach aig an taghadh seo.

Dh'fhaighnich mi do Mhgr Murphy an robh iomairt nan Làbarach anns an Ear Thuath air tuiteam aig a' chiad fheansa.

Thuirt e nach robh, agus gum biodh Mgr MacLennan a' fuireach mar thagraiche.

Nuair a fhuair mi air ais gu oifis a' BhBC ann an Glaschu, bha e air falbh.

Dè bha air atharrachadh anns an uair gu leth sin?

Cron

Fhuair mi grèim air Mgr Murphy a-rithist as dèidh dha bruidhinn mun chùis ri Sianal Naidheachd a' BhBC.

Thuirt e nach robh fios aige nuair a bhruidhinn e riumsa ann an Sruighlea mu gach rud a thuirt Mgr MacLennan.

Cho luath agus a dh'ionnsaich, b' fheudar dha falbh.

Tha na Tòraidhean, an SNP agus na Lib Deamaich air a' phàrtaidh Làbarach a chàineadh airson seo, ag ràdh gu bheil e air cron a dhèanamh air iomairt a' phàrtaidh ann an Alba.

ThaÌýluchd-poileataigs air a bhith a' feuchainn ri Twitter agus a leithid a chleachdadhÌýairson an teachdaireachd acasan a sgaoileadh, ach 's urrainn dha cron a dhèanamh orra cuideachd - bidh iad nas faiceallaiche as dèidh seo.

(Mothaichidh cuid gu bheil ceangal don chùnntas TwitterÌýfhìn a-nis air prìomh dhuilleag a' bhloig).

Sgaradh air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô

Aig an ìre-sa, 's e ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô prìomh chuspair an taghaidh.

Agus tha sgaradh soileir air nochdadh eadarÌýan diofarÌýphàrtaidhean air a' chùis.

ThugÌýna LàbaraichÌýionnsaigh air planaichean nan Tòraidhean cur às do chuid den àrdachadh anns an àrachas nàiseanta ris a tha dùil airson na h-ath-bhliadhna.

ThuirtÌýGòrdon Brown, Alistair Darling agus am Morair Mandelson nach b' urrainn do na Tòraidhean pàigheadh airson a' phoileasaidh.

Ach an-diugh fhuair na Tòraidhean taic bho 13 ceannardan gnìomhachais a bharrachd.

Bha iad air an dòigh.

Sporanan

Tha na Tòraidhean an dòchas gum faigh iad bhòtaichean mar thoradh air a' pholasaidh aca air an àrachas nàiseanta.

Gu sìmplidh, tha iad a' tomhasÌýgum bhòt daoine leis na sporanan aca, agus nach bhòt iad airson chìsean nas àirde.

Ach an-diugh, agus e a' cur iomairt Albannach nan Lib Deamach ann an Glaschu, dh'fhàg Nick Clegg air na Tòraidhean gum biodh aca ri VAT a chur suas gus pàigheadh airson a' pholasaidh aca air an àrachas nàiseanta.

A-rèir Mhgr Clegg, dh'fhàgadh seo gum pàigheadh daoine £389 a bharrachd gach bliadhna airson a' bheàrn a lìonadh.

Air a' chùis seo, tha an SNP còmhla ris na Tòraidhean, ged a bha iad faicealach an dà phàrtaidh as motha a chàineadh airson na gearraidhean - thuirtÌýnaÌýnàiseantaichÌý- a bheireadh iad far buidseat na h-Alba.

Leis gun tèid an t-àrachas nàiseanta a phàigheadh le luchd-fastaidh a bharrachd air luchd-obrach, thuirt Coinneach MacAsgail bhon SNP gum biodh an t-àrdachadh a' cosg £10m do sheirbhisean poilis agus seirbhisean smàlaidh ann an Alba.

Sgaraidhean

'S dòcha nach eile daoine airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a bharrachd a phàigheadh.

Chan eil sin a' ciallachadh gum bhòt iadÌýan aghaidh an àrdachaidh, ge-tà.

'S i a' cheist a bheil daoine a' creidsinn gun gabh àrdachadh chìsean a sheachnadh, no a bheil iad a' tomhas gum biodh aig pàrtaidh sam bith ri ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chur an àirde?

Chan eil sin ri ràdh gur e àrdachadh anns an àrachas nàiseanta an dòigh asÌýfheàrr sin a dhèanamh.

Aig deireadh an treas là, tha sgaraidhean eadar na pàrtaidhean a' fàs nas follaisiche.

Is coltach gun lean an deasbad seo fad greis eile fhathast.

Ceistean aosda

ChuirÌýanÌýdiofarÌýphàrtaidhean na polasaidhean aca air bun-reachd na dùthcha air beulaibh a' mhòr-shluaigh an-diugh.

MholÌýGòrdon Brown ùine stèidhichte eadar taghaidhean mar a tha againn mar-thà airson pàrlamaid na h-Alba.

Agus thuirtÌýe gun cumadh na Làbaraich referendum ro dheireadh 2011 air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh airson nan Cumantan, agus taghaidhean do Thaigh nam Morairean.

Thuirt an SNP gur e cealgaireachd a bha seo bho Ghòrdon Brown.

Carson, dh'fhaighnich iad, anÌýbhaÌýna LàbaraichÌýairson referendum a chumail air na cùisean seo nuair a bha iad a' diùltadh taic a chur ri referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba?

Carson a bha iad airson referenda mu dheas agus nan aghaidh mu thuath?

Gealltanas

Is dòchaÌýgun robh sùil Mhgr Brown air na Lib Deamaich - no co-dhiù air an luchd-taic aca.

Ach bu bheag an fhàilte a fhuair na faclan aige bho cheannard a' phàrtaidh, Nick Clegg.

Tha na Lib Deamaich air a bhith a' moladh PR do Thaigh nan Cumantan fad bhliadhnaichean, agus tha airson thaghaidhean do Thaigh nam Morairean.

Ach as dèidh 13 bliadhna den riaghaltas Làbarach, chan eil earbsa aca gun tèid gealltanas sam bith bhuapa air a' bhun-reachd a chur an gnìomh.

Coltach ris na Lib Deamaich, tha na TòraidheanÌýairson cumhachd ùr a thoirt do dhaoine na buill-pàrlamaid aca a chur far an dreuchdan.

ThaÌýiad a' moladh cuideachd gearradh don àireamh de bhuill-pàrlamaid aig Westminster agusÌýcasg-bhòtaidh air buill-pàrlamaid Albannach airÌýcùisean a tha Sasannach a-mhàin.

Briste

As dèidh sgaineal nan cosgaisean tha na pàrtaidhean uile ag ràdh gu bheil poileataigs Bhreatainn briste.

Chan eil aonta sam bith eatorra, ge-tà,Ìýmun dòigh as fheàrr airson a chàradh.

Chan e ceistean ùra a tha seo idir, ge-tà.

Chaidh taghaidhean do Thaigh nam Morairean a mholadh le riaghaltas eile.

.

Cha mhòr cead bliadhna as dèidh sin, saol an tachair e an turas-sa?

An là mu dheireadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-07, 12:53

Beachdan (0)

Dh'fhaoidte gurÌýe sin an turas mu dheireadh a bhios Gòrdon Brown agus Dàibhidh Camshron a' seasamh an aghaidh a chèile aig Ceistean a' Phrìomhaire.

Mas e, saoil am bi fear dhiubh ag ionndrainn an fhìr eile?

Chan eil mise cho cinnteach.

Chleachd Mgr Camshron na ceistean mu dheireadh aigesan ro sgaoileadh na pàrlamaid airson iarraidh air a' phrìomhaire dleastanas a ghabhail airson cuid de na polasaidhean aige.

An toiseach, dh'iarr e air Mgr Brown aideachadh nach robh heileacoptairean gu leòr aig na feachdan Breatannach nuair a chaidh an cur gu sgìre Helmand ann an Afganastan.

Thuirt Mgr Brown nach robh e ach a' leantainn comhairle nan ceannardan agus gun d' fhuair iad gach uidheamachd a dh'iarr iad.

Àrachas Nàiseanta

Ghluais Mgr Camshron an uair sin gu peinnseanan, ag ràdh gun do ghoid Mgr Brown £100m bho stòras na dùthcha.

Thuirt Mgr Brown gun robh na Làraraich airson ceangal a stèidheachadh as ùr eadar peinnseanan agus cosnaidhean - ceangal a chaidh a bhriseadh leis na Tòraidhean.

Agus air an àrachas nàiseanta, thuirt Mgr Camshron gur e cìs air cosnaidhean a bh' ann, agus gun robh ceannardan gnìomhachais ag aontachadh ris.

Ach chaidh ceannard nan Tòraidhean a chàineadh le Mgr Brown,Ìýa thuirtÌýgunÌýdo chuirÌýgnìomhachas taic ris na rinn Mgr Brown airson an eaconomaidh a shàbhaladh, rud nach d' rinn na Tòraidhean fhèin.

Nuair a thàinig an cothrom aigesan, chàin Nick Clegg clàr an dà phàrtaidh as motha air bun-reachd na dùthcha. Ciamar, dh'fhaighnich e, am b' urrainn don mhòr-shluaigh earbsa a chur annta air a' chùis seo a-rithist?

Dhìon Mgr Brown cliù nan Làbarach air a' bhun-reachd agus chàin e na Tòraidhean airson bacadh a chur air planaichean airson referendum a chumail air an t-siostam-bhòtaidh.

Ceistean Albannach

Aig Ceistean Albannach ro làimh,Ìýthug Pete Wishart bhon SNP slaic air na Tòraidhean agus na Làbaraich ag ràdh gun robh an dà phàrtaidh ag ullachadh ghearraidhean mòra do bhuidseat na h-Alba.

Airson nan Làbarach, ge-tà, thuirt Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, nach robh an SNP cudromach anns an taghadh seo agus gur e riaghaltas Tòraidheach a gheibheadh daoine nan bhòtadh iad air an son.

B' e seo an là mu dheireadh nuair a bhios aire dhaoine air na thacras aig Westminster fhèin.

As dèidh seo, 's ann air an iomairt air feadh na dùthcha a bhios ar sùilean uile.

°ä±ô²¹³¦³ó-±ðò±ô²¹²õ

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-06, 12:39

Beachdan (0)

Chaidh am facal psephology a chleachadh a' chiad uair leis an fhear-eachdraidh Shasannach R.B. McCallum ann an 1952 gus bruidhinn mu sgrùdadh thaghaidhean.

Chleachd e am facal Greugach 'psephos', no 'clachag' leis gum b' ann le clach a b' àbhaist do na seann Ghreugaich bhòtadh.

'S e pàipearan is chanÌýe clachan a chleachdas sinn an-diugh, ach ann an dòigh, chan eil bhòtadh air atharrachadh gu mòr on uair sin.

Mar sin, às dèidh a' Chalumaich,Ìýdè mu dheidhinnÌýclach-eòlas mar fhacalÌý³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ airson sgrùdadh thaghaidhean?

Ma bhios moladh nas fheàrr agaibh, bu mhath a chluinntinn anns an dòigh àbhaisteach.

Anns an eadar-ama, ge-tà,Ìýdè tha aig na h-eòlaichean ri innse dhuinn mun taghadh a tha romhainn a-nis?

µþ±ðà°ù²Ô

Gus an tèid a sgaoileadh an ath-sheachdain, tha 646 buill ann an Taigh nan Cumantan - thaÌýsin a' dol an àirde gu 650 am bliadhna.

Ann an 2005 bhuannaich na Làbaraich an taghadh às dèidh dhaibhÌý356Ìýbuill fhaighinn - fada airÌýthoiseach air na Tòraidhean aÌýfhuair 198.

Fhuair na Lib Deamaich 62 agusÌýan SNP 6.

Cha robh a' bheàrnÌýeadar na fhuair na Làbaraich agus na TòraidheanÌýann am bhòtaichean ach 3% - 35.3% gu 32.3%.

Ach tha beàrnÌýmhòr mhòrÌýeatorra ann an seataichean.

Ged a tha iad air a bhith air thoiseach anns na cùnntasan-bheachd fad greis mhòir, is duilich do na Tòraidhean fhathast a' bheàrn sin a lìonadh.

Gluasad

A-rèir tuairmse, bhiodh gluasad de 6.9% a dhìth bho na Làbaraich do na Tòraidhean airson mòr-chuid a thoirt do Dhàibhidh Camshron.

Cha do thachairÌýcàil mar sinÌýach turas on darna chogadh agus b' e sin ann an 1997.

Fiù 's nuair a bha a' bheàrn eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean na b' fharsainge, cha robh Mgr Camshron cho fada air thoiseach agus a bha Tony Blair ron taghadh sin.

Gu sìmplidh tha e nas fhasa do naÌýLàbaraich an taghadh seo a chall na tha do na Tòraidhean a bhuannachadh.

'SÌýannÌýair sgàth sinÌýa tha daoine a' bruidhinn mu phàrlamaid gun mhòr-chuid - suidheachadh a bheireadh cothroman ùra do na Lib Deamaich agus an SNP.

Chan e sinÌýach a' chiad leth den sgeul, ge-tà.

Sgìrean targaid

'S e an darna leth gunÌýtachair pàirt mòr den iomairt anns na sgìrean targaid, na grunn sgìrean far a bheil na pàrtaidheanÌýfaisg.

Nì gach pàrtaidh oidhirp mhòr annsÌýna sgìrean sinÌýagus 's ann an sin a thèid an t-airgead aca a chosg cuideachd.

Ann an AlbaÌýtha 39 buill aig naÌýLàbaraich an-dràsta,Ìý12 aig na Lib Deamaich, 7 aig an SNP agus 1 aig na Tòraidhean.

Tha aig na Làbaraich ri grèim a chumail air na th' aca an Alba ma tha iad airson grèim a chumail air iuchraichean Àireamh a Deich.

Tha anÌýSNP ag iarraidh 20 ball, na Lib Deamaich 4 a bharrachd agus na Tòraidhean nas motha na dìreach 1 a bhith aca.

Chan eil aig mìos aca ris na targaidean sin a ruighinn.

Toiseach na h-Iomairt

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-06, 10:10

Beachdan (0)

Aig a' cheann thall, thòisich i.

As dèidhÌýna coinneamh mu dheireadh aigeÌýleis a' chaibineat, chaidh Gòrdon Brown do Lùchairt Bhuckingham gus iarraidh air a' Bhanrigh pàrlamaid a sgaoileadh.

An uair sin,Ìýshiubhal an carbad aige an t-astar beag suas an rathad gu Sràid Dhowning airson teachdaireachd a thoirt don mhòr-shluagh.

Mus do thòisich e a' bruidhinn mu 1100, bha Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg air an luchd-taic acasan a bhrosnachadh mar-thà.

Tha na Tòraidhean agus na Lib DeamaichÌýairson toirt air daoine creidsinn gum biodh cùisean na b' fheàrr nan robhÌýan ceannard acasan ann an Àireamh a Deich às dèidh an taghaidh.

Mu thuath bha Ailig Salmond ag ullachadh airson na h-iomairt agus an SNP airson 20 ball a thoirt do Westminster - buidheann a dh'fhaodadh a bhith cumhachdail mura biodh mòr-chuid aig pàrtaidh sam bith.

Deasbadan

Mar a bha dùil, thèid an taghadh a chumail air an 6mh den Chèitean.

Tha sin a' fàgail beagan a bharrachd air ceithir seachdainean mus bi cothrom aig an luchd-bhòtaidh tighinn gu co-dhùnadh.

Tha aca, an toiseach, ri duine a thaghadh airson an riochdachaidh ann an Taigh nan CumantanÌý- chan eil sinn a' taghadh ceann-suidhe.

Ach, dh'fhaodadh gum bi ceannardan nam pàrtaidhean fiù 's nas cudromaiche am bliadhna na bha roimhe.

Airson a' chiad uair, thèid deasbadan telebhisein a chumail a bheir cothrom don luchd-bhòtaidh coimeas a dhèanamh eatorra.

Cha chinnteach fhathast dè am pàirt a chluicheas an SNP anns na deasbadan sin, ach dh'fhaodadh iad buaidh mhòr a thoirt air torradh anÌýtaghaidh.

Sgìrean targaid

Tha na cùnntasan-bheachd air teannachadh gu mòr anns na mìosan a dh'fhalbh a' fàgail gu bheil cuid a' bruidhinn mu phàrlamaid gun mhòr-chuidÌý- rud nach do thachair o 1974.

Ann an Alba tha sinn air fàs gu math cleachdte ris an t-suidheachadh sin, nuair a bhios aig pàrtaidhean ri aonta a dhèanamh eatorra - chan eil Westminster cho cleachdte ris idir.

Ach, mus tachair sin, feumaidh an luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad.

Tachraidh an iomairt aig co-dhiù dà ìre - aig an ìre nàiseanta, agus aig an ìre ionadail, gu h-àraid anns na sgìrean targaid, far an dèan na pàrtaidhean tòrr den oidhirp aca.

Aig an deireadh, bidh aig an luchd-bhòtaidh ri roghainn mhòr a dhèanamh mu na daoine a bhios gar riaghaladh airson na bliadhnaichean a tha romhainn.

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse air feadh na h-iomairt sin.

Òraidean an là an-diugh

Bha mi air Prògram Choinnich anns a' mhadainn a' gabhail pàirt ann an deasbad mu òraidean poileataigeach an là an-diugh.

B' i a' cheist an robh luchd-poileataigs fhathast ann a bha math air òraidean a thoirt seachad?

Dè thachair do na seann òraidichean poileataigeach mar Winston Churchill, J.F. Kennedy no Michael Foot nach maireann?

Nuair a chaochail Mgr Foot chaidh a mholadh bho gach taobh ann am poileataigs Bhreatainn airson nan òraidean aige, ann am Taigh nan Cumantan agus taobh a-muigh na pàrlamaid.

A bheil daoine deònach fiù 's èisteachd ri òraidean fada bho luchd-poileataigs fhathast?

Agus a bheil na meadhanan a' dèanamh cron air òraidean, gan gearradh sìos gu dhà no trì puingean a ghabhas craoladh no cur ann an clò?

Tarraingeach

'S dòcha gu bheil na meadhanan as coireach gu ìre airson gainnead deagh òraidichean ann am poileataigs an là an-diugh.

Ach chan e sin deireadh na sgeòil.

Tha Barack Obama a' sealltainn gu bheil ùidh aig daoine fhathast ann an òraidean poileataigeach ma thèid an sgrìobhadh agus an toirt seachad ann an dòigh a tha tarraingeach.

Agus tha an eadar-lìon a' toirt chothroman do luchd-poileataigs bruidhinn ri daoine gun smachd air na faclan aca a thoirt don luchd-naidheachd.

Tha dùil gun tèid an taghadh a ghairm an ath-sheachdainn agus ged a tha mi 'n dòchas gun cluinn sinn òraidean mìorbhalach bho gach taobh, chan eil mi cinnteach gun tachair sin.

Ge b' e dè thacras, ge-tà, bidh sinn a' leantainn na h-iomairt gu là an taghaidh fhèin.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.