Tar-sgr矛obhadh: D貌mhnall is Seumas @ 30
Màiri Anna NicDhòmhnaill a’ cuimhneachadh air a bhith ag obair còmhla ri Dòmhnall Moireasdan
Màiri Anna: Bhithinn-sa a' tòiseachdainn air m’ obair uaireannan aig còig uairean sa mhadainn. Agus aig còig uairean sa mhadainn, chan eil tìde agad tost a dhèanamh mus fhàg thu an taigh – mar sin, bhiodh stòr math agam san drathair air an deasg. Bhiodh briosgaidean is crisps is teòclaid is ùbhlan is bananas – a h-uile càil ach am biodh e romham aig a còig – ’s bha fhios a’m nuair a ruiginn a-staigh dhan oifis, gum faighinn rudeigin ri ithe.
’S thàinig a’ mhadainn gheamhraidh a bha seo – latha fuar, grànnda, latha a dh’fhàgadh an t-acras air duine sam bith, ged nach biodh iad ag èirigh aig ceithir uairean sa mhadainn. Staigh dhan oifis, agus Màiri Anna cho sona a’ fosgladh an drathair; bha goodies gu bhith roimhpe. Fhios agad mar a chanas iad sa Bheurla, “When she got there, the cupboard was bare?” Bha. Cho lom, ’s cho rùisgte, ’s cho falamh, bha an drathair air an deasg; cha robh càil innte ach bileag bheag phàipeir, bhon fhear a bha ’g obair anmoch air an oidhche ron a sin. ’S bha a’ bhileag beag pàipeir ag ràdh: “Bha acras sgriosail orm aig trì uairean sa mhadainn, is tha mi duilich; dh’ith mi a h-uile càil!” Dòmhnall Moireasdan.
Magaidh Choineagan: A Dhòmhnaill, nach tu bha treun!
Dòmhnall Moireasdan: Nach mi bha modhail gun do dh’fhàg mi nota a’ toirt taing agus ag ràdh gu robh mi air an rud ithe?!
Magaidh: Tha thu treun! Bhiodh an t-eagal agamsa a bhith air am fiosrachadh fhàgail, no gabhail ris – a bheil cuimhn’ agad air an oidhch’ ud? Feumaidh gun robh an t-acras ort!
Dòmhnall: Feumaidh mi aideachadh nach eil cuimhn’ a’m air ach gabhaidh a chreid, gabhaidh a chreid.