Main content

Tar-sgr矛obhadh: Am Marloch

Calum: Bha eòlas mòr aca air obair an sgadain is bha an t-àite a bha seo mar a chanadh iad na thrum toiseach a’ Chiad Chogaidh. Bha, faodaidh tu ràdh gur e 'boomtown' a bha seo ann am Bàgh a’ Chaisteil 's a Bhatarsaigh. Ach, bha an dèidh a’ chogaidh, feumaidh gun robh cùisean glè chruaidh aca - bha a’ chaitheamh a' toirt buaidh air teaghlaichean. Bha na sgothan a bh’ aca ron chogadh, bha iad a’ crìonadh fad àm a’ chogaidh. Bha iad fhèin air falbh, bhiodh iad san RNR no sa Chabhlach Mharsanta. Bha na sgothan fosgailte a bh’ aca, na Zulus ’s na Scaffies mura robh deck orra, bha iad a’ sgàineadh leis a’ ghrèin is bhiodh iad a’ crìonadh agus cha bhiodh mòran seasamh aca le obair siùil. Bhiodh e a' cur strèan mòr oir dh'fheumas eathar a bhith gu math làidir airson sin. Agus cha robh an t-airgead calpa aca a chuireadh motair annta. 'S bha iad.... faodaidh tu ràdh gun robh iad ann an staing is ma bha duine a’ tairgse dhaibhsan fearann, ceud gu leth acair no ceud is trì fichead acaire, ged a bhiodh e air màl, bha iad a’ pàigheadh màl airson na sgrobagan a bhathas am Barraigh, agus cha robh ann ach air a’ cheann-sa co-dhiù is air an taobh an ear, bha fearann bochd.