Main content

Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne

Catriona: Mun tìde sa bhliadhna, thathar a’ faighinn tlachd agus togail inntinn ann a bhith faicinn na làithean a’ fàs nas fhaide. Gheibhear air tòrr a bharrachd a dhèanamh ri solas an latha. Ged tha sinne a' cur fàilte air an tionndadh seo, bha e fada na bu chudromaiche dha ar sinnsirean, agus iad an urra ri solas na grèine airson rud sam bith a bh' aca ri dèanamh a-staigh agus a-muigh. ’S ann ri linn seo a bha iad a’ cur uimhir do chuideam air an fhacal deiseil. Dh’fheumaist a h-uile nì a dhèanamh deiseil neo dha chuir ann an dòigh eile, a’ leantainn slighe na grèine. Ann a bhith dèanamh seo bhiodh iad cinnteach gun robh solas a’ soillseachadh gach gnìomh a bh’ aca ri choileanadh. Bho dheireadh, bha gach rud a bha ri dhèanamh dèanta anns an dòigh sin, solas ann neo às. Dh’fhàs gluasad deiseil gu bhith na dheas-ghnàth, co-ionnan ri bhith a’ sadail salainn tarsainn air do ghualainn neo bhith a’ seachnadh coiseachd fo àradh. Mura robh thu a' dol deiseil, chanaist gun robh thu a' dol tuathal, neo an aghaidh na grèine, agus mar sin, a dh’ionnsaigh droch fhortan. Bha beatha dhaoine uaireigin air a riaghladh leis na cleachdaidhean seo ach ’s gann an-diugh gu bheil cuimhne orra.