Main content

Tar-sgr矛obhadh: Leugh an Leabhar

Mark Wringe a’ còmhradh ri Mòrag Anna NicNèill

Mark: Còmhla rium cuideachd tha Mòrag Anna NicNèill, no Mogi mar as fheàrr a dh’aithnicheas daoine i. Agus Mogi, bhuannaich thusa an duais ann an ainm Chrisella Ros airson sgeulachdan, agus ’s e sgeulachdan airson na cloinne a bha iad a’ sireadh anns an fharpais seo. Bha sgeulachd uabhasach èibhinn agad.

Mòrag Anna: Uill, bha mise air mo dhòigh glan faighinn air a’ gheàrr-liosta. Cha robh dùil sam bith agam gum buannaichinn an duais agus tha mi dìreach air leth moiteil gur ann mar sin a thachair.

Mark: Artair sa Chaisteal an t-ainm a bh’ air an sgeulachd. Innis dhuinn beagan mu dheidhinn an sgeulachd.

Mòrag Anna: Uill, tha Artair sa Chaisteal mu dheidhinn balach beag air a bheil Artair agus tha e a’ dol air turas sgoile gu seann chaisteal còmhla ris a’ chlas aige agus luchd-teagaisg às an sgoil. Agus nuair a tha e a’ dol dhan a’ chaisteal, tha e a’ dol air chall. Agus chan ann a-mhàin gu bheil e a’ dol air chall, ach tha e a’ dol air ais ann an tìm cuideachd. Agus nach ann a tha e a’ dol air ais gu àm nan Seumasach agus tha an uair sin rudan annasach is inntinneach a’ tachairt dha fhad ’s a tha e air chall anns a’ chaisteal.