Main content

Tar-sgr矛obhadh: Feasgar

Cathy: Chan eil fhios a’m mu do dheidhinn-sa a Chatrìona, a bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach ge-tà a bhith eòlach air nas urrainn dhut de dhaoine. A bheil sin cudromach, an àireamh de charaidean a th’ agad a bhith, oh co-dhiù as na h-àireamhan dùbailte?

Catrìona: Tha mi cinnteach nam bithinn gu math na b’ òige na tha mi gun canainn gum biodh e gu math cudromach. Ach dhomh fhìn gu pearsanta, chan eil mi fhios agad, a’ sgaoileadh a-mach gnothaichean prìobhaideach mar gum biodh. Tha mi a’ faireachdainn gu bheil sinn ro fhosgailte air na meadhanan sòisealta, agus chan eil cho fìor fhad ann o rinn mi seòrsa de sguabadh às, gabh mo leisgeul ma tha sibh a’ faicinn a-nis gun do sguab mi far na meadhanan sòisealta sibh.

Ach bha mi a’ faireachdainn ma bha dòigh eile agam air grèim fhaighinn air cuideigin gun robh sin tòrr nas fheàrr na bhith ga chur a-mach air na meadhanan sòisealta so rinn mi seòrsa de ghlanadh às de tòrr de dhaoine ma dh’fhaoidte nach robh mi buileach eòlach orra, ma dh’fhaoidte gun robh mi dìreach eòlach orra air-loidhne, rudan mar sineach. Agus tha fhathast tòrr dhaoine air na meadhanan sòisealta agam ach tha mi caran a’ feuchainn ri a ghnothach a chumail nas lugha na bha e. Agus tha mi a’ faireachdainn gu bheil sin tòrr nas fallaine o chionn an uair sin, chan eil thu... chan eil thu gad fhàgail fhèin fosgailte gus daoine a bhith, fhios agad, fiosrach mu dheidhinn gnothaichean gu math, fhios agad, mionaideach ach ma dh’fhaoidte nach eil iad buileach pearsanta mu do bheatha.