Tar-sgr矛obhadh: Caithream Ci霉il
Seonag Monk a’ còmhradh ri Gillebrìde MacIlleMhaoil
Seonag: Tha thu an dèidh a bhith sgràthail fhèin trang. Tha thu an dèidh a bhith thall ann an Canada is...
Gillebrìde: Tha mi air a bhith thall ann an Canada is an uair sin, thill mi airson ceithir latha no mar sin agus chaidh mi an uair sin dha na Stàitean Aonaichte gu New Jersey agus thill mi madainn Diluain.
Seonag: Chan eil rian nach eil an jet lag ort fhathast, a bheil?
Gillebrìde: Uill, tha e a’ tighinn orm an-dràsta feumaidh mi ràdh. Bha mi math gu leòr Diluain is an-dè ach...
Seonag: Tha e dìreach gad bhualadh...
Gillebrìde: Tha e gam bhualadh an-dràsta.
Seonag: Thàinig thu a-staigh is chunnaic thu mise is thàinig an cadal ort! Dè bha thu a’ dèanamh thall ann an Canada?
Gillebrìde: Ann an Canada, bha mi thall aig Comann Gàidhlig Thoronto agus aig Fergus Scottish Festival no Fèis Albannach Fergus agus ’s e baile a th’ ann am Fergus a tha mu dhà uair an uaireadair an ear air Toronto. Baile a chaidh a stèidheachadh le Albannaich agus a h-uile bliadhna, tha fèis mhòr, mhòr Albannach aca. Bidh iad a' tighinn bho air feadh na dùthcha is gu dearbha bho air feadh an t-saoghail an sin agus bidh mu fhichead mìle aig an fhèis a’ dèanamh a h-uile rud Albannach as urrainn dhut a dhèanamh. Bha mise a’ seinn agus a’ teagasg Gàidhlig is a’ teagasg òrain is bha mi nam fhear-an-taighe aig an tatù aca.
Seonag: An robh cuideachd? Tha obair anns an rudan a tha sin, fhios agad? Tha cluich is spòrs ann cuideachd ach tha obair ann cuideachd ma tha thu ag iarraidh an rud a dhèanamh dòigheil.
Gillebrìde: Sin an rud, obair mhòr. Agus bha agam ri, nuair a bha an tatù ann, bha mi a’ cluinntinn còmhlan-pìoba mu mhìle shìos an rathad. Bha còir aca a bhith dìreach air mo bheulaibh agus bha agam ri rudeigin a ràdh airson còig mionaidean nach robh air an sgriopt ach...
Seonag: Rinn thu an gnothach air.
Gillebrìde: Rinn mi an gnothach air co-dhiù.
Seonag: Liutach gu leòr airson sin a dhèanamh.