Tar-sgr矛obhadh: Mac鈥檌lleMh矛cheil
Màiri Mhoireasdan a’ còmhradh ri Iain Mac’illeMhìcheil
Màiri: Bha mi air dealbh-chluich a sgrìobhadh bho chionn sia bliadhna deug, agus bha miann agam rudeigin nas motha a dhèanamh dheth le diofar charactaran. Ach bha duilgheadas agam bhon tha uiread sgeulachdan a dh’fhaodadh tu innse, chan eil sgeulachdan ann ann an dòigh, fhios agad? Cha robh daoine a’ bruidhinn is cha robh fianais againn bho thòrr dha na boireannaich agus leis a sin, bha e an urra rium fhìn dè an taobh a dheidhinn leis. Agus ’s ann a roghnaich mi a dhèanamh anns an latha an-diugh, dìreach a’ bruidhinn air mar a tha mise a’ smaoineachadh a tha cùisean air bualadh air an eilean agus cuideachd a’ coimhead ceud bliadhna air ais le dà charactar cuideachd bhon àm sin.
Iain: Saoil an tig faochadh air choireigin, fhios agad, às dèidh ceud bliadhna a-niste?
Màiri: Tha mise a’ smaoineachadh gun tig bhon tha, ann an dòigh, ’eil fhios agad, bha a h-uile càil cho sàmhach agus cha robh duine a’ bruidhinn mu dheidhinn ach an siud ’s an seo, is an uair sin airson an ceud bliadhna a chomharrachadh, tha cha mhòr nach robh a h-uile duine a’ bruidhinn air is a h-uile duine a’ dèanamh rudeigin agus na sgoilearan is inbhich agus coimhearsnachdan agus ’s e rud math a th’ ann. Mar a thachair an tubaist, cha chreid mi gu bheil e a’ bualadh air an ath ghinealach a tha a’ tighinn às mo dhèidh anns an aon dòigh bhon tha daoine a-nis leithid clann mo phiuthar, tha iad a’ bruidhinn is tha iad fosgailt’ is tha sinn gu math nas fosgailt’ a thaobh bròn agus a thaobh tinneas-inntinn agus an leithid de rud.
Iain: Agus ’s e sin an oideachadh a tha iad a’ faighinn an-diugh.
Màiri: Sin an rud.