Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi
Dòmhnall Ruadh Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri Anna KC NicLeòid
Anna: A Dhòmhnaill, innis dhomh a’ chiad leabhar a th’ agadsa agus cò sgrìobh e?
Dòmhnall: Uill, tha a’ chiad leabhar a th’ agamsa, ’s e mar a chanas iad non-fiction a th’ ann agus tha mi a’ smaoineachadh mar as sine a tha mi a’ fàs gur ann as motha a tha mi a’ taghadh rud ris an can iad non-fiction. Agus cha chreid mi gur e, gur e càil mu dheidhinn, “Oh ’s e a th’ ann am fiction ach dìomhanas,” chan eil càil dhan sin ann idir. ’S toil leam fiction fhathast ach tha leabhar ann a seo a chur fear Bill Bryson ri chèile agus ’s e Seeing Further an t-ainm a th’ air an leabhar. Agus ’s e eachdraidh a th’ ann air an rud sònraicht’ ris an can iad, “The Royal Society.” Ged nach eil mòran spèis agams' do rud sam bith a tha rìoghail, anns an t-suidheachadh seo, feumaidh mi ràdh gu bheil spèis mhòr agam air a’ bhuidheann a tha seo.
Anna: San Royal Society, buidheann a tha a’ dèiligeadh ri saidheans?
Dòmhnall: Ri saidheans. Timcheall air a’ bhliadhna sia ceud deug agus trì fichead, thàinig dusan de dhaoine àraid còmhla ann an Gresham College ann an Lunnainn agus thuirt iad ri chèile, “Dè mu dheidhinn buidheann, society, a chur air dòigh far am faigh sinn cothrom air cnuasachadh is beachdachadh air ideas ùr agus feuchainn ri freagairtean fhaighinn airson ceistean a tha doirbh.
Anna: Mar a thuirt sinn, tha diofar sgrìobhadairean ann. Tha iad a’ togail air cuspairean duilich.
Dòmhnall: Tha.
Anna: A bheil e duilich a dhol an sàs mar leughadair aig nach eil eòlas air saidheans?
Dòmhnall: Tha agus tha suas ri fichead sgrìobhadair ainmeil air aithisgean a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothaich airson seo bho samhail Richard Dawkins gu Margaret Atwood. Mar sin dheth, tuigidh tu leis an dithis tha sin fhèin...
Anna: Feadhainn cliùiteach.
Dòmhnall: Aye.