Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi
Anna: Rosemary, bha thu am measg leabhraichean ùine mhòr. A bheil aon seòrsa sgrìobhadh as fheàrr leat, seach seòrsaichean eile?
Rosemary: Gu h-onarach, chanainn gur e ficsean as fheàrr leam. ’S toil leam a bhith a' leughadh airson tlachd – agus ‘s e ficsean as motha a tha a' toirt tlachd dhomh. Agus an lùib a’ ficsean a tha sin, tha farsaingeachd – tha mi a’ leughadh farsainneachd de ficsean. Ach sin, mar gum biodh, an rud a thogainn nan tiginn fhèin a-steach gu bùth leabhraichean. Sin a bhios a’ toirt cothrom dhomh, mar gum biodh... dìreach gabhail air mo shocair ’s fois a ghabhail air an oidhche nuair a tha mi dìreach a’ feuchainn ri, mar gum biodh obair mo latha a chur air mo chùlaibh.
Anna: Sgeulachdan – sgeulachdan eile. Dè mu dheidhinn nan leabhraichean ma tha a thug sibh a-steach? Rosemary, tha buntannas agad fhèin ri Uibhist agus tha ceangal gu math dlùth aig a’ chiad leabhar agad ri Uibhist cuideachd. Innis dhuinn dè an leabhar a th’ ann ’s cò sgrìobh e?
Anna: ‘S e “Raghnaid” a th’ ann agus ‘s i Cairistìona Dick a sgrìobh e – no tha mi creidsinn mar as fheàrr a dh’aithnicheas sinn Criosaidh anns an latha an-diugh, Criosaidh Bannerman. Agus bha mise gu math fortanach nuair a bha mi a’ dèanamh ceum ann an teagasg ann an Glaschu, bha Criosaidh againn mar neach-oide aig an àm.
Agus nuair a thàinig “Raghnaid” a-mach an toiseach, tha mi creidsinn gu robh mise aig ìre na mo bheatha far an robh mi gam cheasnachadh fhèin dè an t-slìghe a bha mi a' dol a ghabhail agus an robh Gàidhlig dha rìreabh gu bhith cudromach dha mo bheatha.