Main content

Tar-sgr矛obhadh: Mac'illeMh矛cheil

Iain Mac'illeMhìcheil a' còmhradh ri Bill Innes

Bill: Bha Bean Dhòmhnaill Phàdruig – ged a dh’fhàg i sgoil aig ceithir bliadhn’ deug, dh’aontaich ise gum faodainn a dhol a Dhalabroig – ach cha robh busaichean, cha robh càraichean aig daoine an uair ud, agus dh’fheumainn fuireach ann an Dalabrog fad teirm.

Iain: Ach thuig thu, fiù ‘s aig an ìre tha sin, thuig thu gun e do shlighe gu bhith nad phìleat, ma bha thu a’ faicinn sin mar an t-slighe romhad aig an àm, gun e do shlighe thuige foghlam fhaighinn – agus obair chruaidh.

Bill: Leig iad leamsa dhol dhan Ghearastan a chionn cha robh Sgoil Dhalabroig a’ ruighinn ach an treas bliadhna agus dh’fhalbh mi, 's bha sin na bu mhiosa buileach chionn bheireadh tu latha gu leth a’ faighinn air ais às a’ Ghearastan an uair ud. Ach fhuair mi an uair sin na Highers far am faodainn a dhol dhan oilthigh 's cha robh mòran a’ dol dhan oilthigh ann an Uibhist aig an àm agus bha mi dìreach aig aois far am faodainn a bhith rudeigin feumail anns a’ chruit eil fhios agad. Ged nach robh mi uabhasach math mun a’ chruit.

John: Cha robh ùidh agad ann!

Bill: ’S e an aon sgil a bh’ agamsa gu robh mi math air spealadh agus ‘s e an adhbhar a dh’fhàs mi math air spealadh a chionn am fear a bha spealadh, bha e na sheasamh ach am fear a bha ceangal, bha esan a’ lùbadh sìos is suas fad an t-siubhail, ’s e bha trom air do dhruim! So chòrd e rium gu mòr gu robh mi air mo mheas math gu leòr airson an arbhar a' spealadh, 's feur a' spealadh ’s rudan mar sin! Ach cha dèanainn croitear uabhasach math gu siorraidh, cha chreid mi. Ach leig iad leam a dhol dhan oilthigh, agus cha robh sin ach na chosgais dhaibhsan agus thuirt cuideigin ri Bean Dhòmhnaill Phàdruig “Uill dè feum a tha e a' dèanamh dhuibhse gu bheil esan a’ faighinn na tha seo de sgoil?” Boireannach nach do dh’fhalbh à Uibhist riamh na beatha, ’s thuirt i '’S dòcha gun dèan e feum do chuideigin.'

Iain: Nach i bha lèirsinneach cuideachd?

Bill: O, gu dearbha.