Main content

Tar-sgri貌bhadh: Airgead

Tha mi an dùil àite a cheannach dhomh fhèin uaireigin ach cha chanainn gu bheil mi ann an cabhag sin a dhèanamh ged a tha mi mothachail an-dràsta, uill a-nist gu bheil mi ann an suidheachadh far a bheil e nas coltaiche gun tèid agam air a dhèanamh 's mar sin, sin as adhbhar gu bheil mi a’ sealltainn ’s dòcha anns na beagan bhliadhnaichean a tha ri thighinn air a leithid a dhèanamh.

Tha mi mothachail, co-dhiù an-dràsta, ann an Obar Dheathain gu bheil tòrr daoine ann a tha agus tha flat aca, can le aon seòmar no dà sheòmar, flat meadhanach beag aca agus tha e uabhasach doirbh na flataichean sin a reic. Chì thu an t-uabhas dhuibh air a’ mhargaidh an-dràsta agus chan eil iad a’ gluasad idir. Agus mar sin tha caran, dùbhlan a bharrachd ann, oir cha bhithinn cofhurtail ann a bhith a' ceannach flat beag agus an uair sin, misneachd a bhith agam gun dèidheadh agam air sin a reic gu sgiobalta agus àite nas motha fhaighinn, ’s mar sin, tha mi a' feuchainn ri deposit agus airgead a chur gu aon taobh 'son ’s gum faighinn, caran, taigh neo àite nas motha a bhiodh freagarrach fad bhliadhnaichean seach dìreach àite 'son can còig bliadhna neo rudeigin mar sin agus tha mi a' feuchainn ri eòlas air neo sùil a chumail air mar a tha a’ mhargaidh agus cùisean ann an Obar Dheathain 'son ’s gun dèan mi an rud as ciallaiche.