Main content

Tar-sgr矛obhadh: Iain Againn Fh矛n

Dòmhnall Meek

Dòmhnall: An seòrsa saoghal a bh’ aig Iain, thòisich e mar ghille òg – fhuair e fastadh anns na taighean mòra ann a Helensburgh agus ann am Bearsden ’s ann an àiteannan mar sin. Agus an uair sin ann an naoi ceud deug ‘s a seachd (1907), chaidh e null do Mhennedosa ann a Manitoba – agus às a sin, ghluais e a-null do Bhancoubher. Agus ann am Bhancoubher, shocraich e fad bhliadhnaichean. Fhuair e obair mar fhear-stòr ann am Bhancoubher, far an an robh e ag obair le daoine a bha a’ cur a-mach diofar sheòrsachan bathar do rìoghachdan eile. Bha e a’ cumail smachd air na litrichean 's air na h-òrdain 's air a h-uile nì.

Nuair a chì thu na dealbhan dheth, tuigidh tu anns an spot gu robh e a’ soirbheachadh ann an Canada – agus tha e anabarrach spaideil na èideadh. Chì thu e agus ad air – ad fear-gnothaich, deise fear-gnothaich, coilear is tàidh; tha e cho spaideil.

Chì thu e cuideachd a’ dèanamh rudan nach do rinn na croitearan; mar eisimpleir, dh’ionnsaich e a bhith a' cluich òrgan ‘s bha ùidh aige ann an lùth-chleasan 's ann an rudan mar sin.