Main content

Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi

Shona NicEanruig

Anna: Tha sibh air iarraidh air an duine eile leabhar a leughadh. An leabhar a dh’iarr thusa air Iain Tormod a leughadh, ’s e leabhar a mhol do mhàthair dhut fhèin bho chionn fhada a bh’ ann.

Shona: ’S e. Seo an leabhar. Leabhar a tha gu math beag, The Prime of Miss Jean Brodie le Dame Muriel Spark. Ged a tha an leabhar seo beag agus tana, ’s e leabhar cho cumhachdach ’s a th’ ann tha mi fhèin a’ smaoineachadh.

Anna: Carson?

Shona: Tòrr dhiofar adhbharan. Tha e èibhinn, tha e gu math tùrsach. Tha tòrr co-cheangailte ri rudan a tha gu math dorcha, cuspairean ’s dòcha a tha gu math dorcha. Ach, saidhg-eòlas, ach cuideachd co-ionannachd agus càirdean agus .....

Anna: Dìlseachd?

Shona: Dìlseachd, agus trèigsinn. Sin tha mi a’ smaoineachadh, na prìomh chuspairean agus mar a tha an t-ùghdar a tha seo a’ fuaigheal a h-uile càil a tha sin còmhla ann an leabhar cho goirid. Tha mi a’ smaoineachdadh g'eil e dìreach air leth.

Anna: Anns an aithghearrachd, innis dhuinn dè tha tachairt. Cò Miss Jean Brodie, gun fhios nach eil cudeigin a-muigh an sin nach eil eòlach air an sgeulachd.

Shona: Na truaghain, ach cluinnidh iad a-nist’! Tha Miss Brodie a’ teagasg ann an sgoil Marcia Blaine do nigheanan a-mhàin. Tha sianar a tha i a’ taghadh mar seat dhi fhèin, sianar nighean aig aois deich bliadhna. Agus, tha an leabhar a’ sealltainn dhuinn mar a tha an tidsear a tha sin air buaidh a thoirt air na h-igheanan suas, uill, nuair a dh’fhàgas iad an sgoil aig seachd deug, ach dh’fhaoideamaid a ràdh fad am beatha.