Tar-sgrìobhadh: Airidh air Urram – Ethel Bassin
Jo NicDhòmhnaill
Jo: ’S ann am Belarus neo Mogilev mar a bh' air aig an àm a rugadh athair Ethel Bassin. Bhuineadh e do theaghlach beartach Iùdhach, agus thug e a-mach dreuchd Rabbi. Ach dh’atharraich cùrs’ a bheatha nuair a thachair e ri miseanaraidh à Eaglais Shaor na h-Alba ann an Constantinople, Istanbul an-diugh, agus aig aois naoi air fhichead, dh’atharraich e a chreideamh.
Chaidh e a dh’obair na mhiseanaraidh am measg nan Iùdhach agus ann an ochd deug, ceithir fichead ’s a còig, thàinig e a Dhùn Èideann far an robh dreuchd aige mar cheannard air buidheann air an robh ‘The Scottish Home Misson to the Jews’.
Rugadh Ethel an Dùn Èideann ceithir bliadhna an dèidh sin, agus bha a tàlantan follaiseach bho aois gu math òg. Choisinn i mar eisimpleir grunn dhuaisean airson ceòl is i dìreach na sgoilear aig George Watson’s Ladies College.
Fhuair i teisteanas bho Acadamaidh Rìoghail Ciùil Lunnainn aig aois naoi deug, agus an dèidh beagan bhliadhnaichean a’ teagasg ceòl ann an diofar sgoiltean ann an Sasainn, chaidh i gu Colaiste Moray House ann an Dùn Èideann, far am b’ i a’ chiad oileanach riamh anns a’ cholaiste sin a fhuair teisteanas airson ceòl a theagaisg ann an sgoiltean Alba. Bha seo ann an naoi deug is còig deug.
Chan eil fios agam le cinnt ciamar, cuin neo carson a ghabh i ùidh ann an òrain Ghàidhlig an toiseach, ach faodaidh e a bhith gur e an tè a bha a’ toirt leasanan piàna dhi aig an àm seo a bu choireach. B’ ise Marsaili NicUalraig Fhriseal agus tha e coltach gun do theagaisg Marsaili Mhòr dha Ethel cuid dha na h-òrain a bha a’ nochdadh anns na leabhraichean aice fhèin, Songs of the Hebrides, leabhraichean air an robh fèill mhòr aig an àm.