Main content

Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 7

"Steach a Seo Sibh!"

Cho luath ’s a bhuaileas am maighstir-sgoile an clag, tha a’ chlann a’ cruinneachadh aig doras na sgoile. Tha iad a’ seasamh an sin gu socair, modhail, stòlda, rianail, gus am faigh iad cead a dhol a-steach.

Tha seasgad ’s a ceithir anns an sgoil uile gu lèir, agus bidh iad a’ seasamh gu dìreach, sgiobalta ann an ceithir sreathan aig an doras, sreath de bhalaich mhòra air làimh dheis a’ mhaighstir-sgoile, na balaich bheaga ri an taobh, agus dà shreath de nigheanan air an làimh chlì. Tha Màiri a-nis am measg nan caileagan mòra, agus is i fhèin a tha moiteil! Ach cha bhi i idir air a dòigh an uair a chanas Calum rithe, mar as tric a chanas – “Tha Màiri againne cho mòr - na beachd fhèin!”

An uair a bheir am maighstir-sgoile cead dhaibh, tha a’ chlann a’ coiseachd gu sunndach, sgiobalta a steach don sgoil, agus iad uile a’ dèanamh modh ris anns an dol-seachad. Tha meas mòr aca air Mgr. Mac an t-Saoir, agus tha iad glè umhail dha.

Tha dithis eile a’ teagasg anns an sgoil, a’ bhana-sgoilear NicEachainn agus a’ bhana-sgoilear NicLeòid. Tha mar sin trì rumannan-teagaisg innte, agus timcheall air fichead, gillean agus caileagan, anns gach rùm. Is ann aig a’ mhaighstir-sgoile a tha Calum, agus Niall cuideachd, ach cha do ràinig Màiri an inbhe sin fhathast, agus bidh ise aig a’ bhana-sgoilear NicLeòid gus am bi i deich bliadhna a dh’aois.

Chan eil sgoil Choir an t-Sìthein air aon de na sgoiltean ùra, ach tha a’ chlann glè thoilichte innte. Is math dhaibh nach ann o chionn trithead no ceathrad bliadhna a bha iad aois na sgoile. Bha na daoine an uair sin cho bochd agus gum bitheadh clann gu leòr a’ dol don sgoil casruisgte, ged a bhitheadh sìde glè fhuar ann. Gheibh a’ chlann an-diugh am biadh anns an sgoil, ach cha bhitheadh aca an uair ud ach mìr tioram. Tha teintean guail no teintean dealain anns na sgoiltean a-nis ach dh’ fheumadh a h-uile duine anns an latha bha siud fàd mònadh a thoirt leis don sgoil a h-uile latha. Nach iongantach a bha iad beò idir!

A. Freagair na ceistean seo cho math ’s a ghabhas:
1. Cuin a tha a’ chlann a’ cruinneachadh aig doras na sgoile?
2. Cuin a tha iad a’ dol a-steach?
3. Ciamar a tha iad a’ seasamh?
4. Cia mheud sreath a tha ann?
5. Cia mheud sreath a bhitheas aig an sgoil agaibh fhèin?
6. Cia mheud a tha anns an sgoil còmhla ri Calum?
7. Cia mheud a tha anns an sgoil agaibhse?
8. Cia mheud a tha a’ teagasg ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
9. Càit am bi na gillean a’ seasamh mus tèid iad a-steach?
10. Càit am bi Màiri a’ seasamh?
11. Dè bhitheas a’ chlann a’ dèanamh an uair a bhitheas iad a’ dol seachad air a’ mhaighstir-sgoile?
12. Carson a bhitheas iad a’ dèanamh seo?
13. Cia mheud rùm-teagaisg a tha anns an sgoil?
14. Cuin a thèid Màiri do rùm a’ mhaighstir-sgoile?
15. Carson a dh’fhaodas a’ chlann a bhith toilichte gu bheil iad anns an sgoil seo?

B. Faiceamaid dè cho math ’s a nì thu iad seo a-nis:
1. Tha uisge timcheall air....
2. Is e.... muir fharsaing fhosgailte.
3. Tha.... eadar dà eilean.
4. Is e.... cnoc àrd.
5. Gheibh sinn uisge ann an....
6. Tha craobhan a’ fàs anns a’ .....
7. Is e.... taigh beag tughaidh.
8. Bidh sinn a’ lomadh nan caorach aig an....
9. Bithear a’ buain na mònadh anns a’ ......
10. Tha sglèat air an .... againne ach is e tughadh a bha air.... mo sheanar an uair a bha e òg.

C. Tha fios gun dearg thu air an fheadhainn seo!
1. Tha an t-sìde.... an uair a thig an samhradh.
2. Tha i.... an uair a tha uisge mòr ann.
3. Is e latha fiadhaich a tha ann an uair a tha a’.... làidir.
4. Tha i .... an uair a bhitheas sneachd is reothadh ann.
5. Tha i mosach an uair a bhitheas .... shìde ann.
6. “Nach i tha bruicheil!” ars am bodach. Ciamar a bha an t-sìde?
7. Tha an t-adhar dearg an uair a dh’èireas a’ ....
8. Tha e .... an uair a thig an oidhche.