Main content

Tar-sgr矛obhadh: Air na Tablets

Murchadh Caimbeul

Murchadh: Bha mi gu math eòlach air fòn seann-fhasanta airson bliadhnaichean mòra agus bha, tha mi creidsinn, leisg orm gluasad, ach ghluais mi ann a sheo bho chionn, tha mi creidsinn, trì no ceithir a bhliadhnaichean agus aon uair ’s gun do ghluais mi agus gun do dh’fhàs mi cleachdte rithe, tha mi a-nise smaoineachadh gur e seo a’ fòn cheart a bu chòir a bhith agam o chionn tha e furasta a dhol air a’ fòn agus post-dealain fhaighinn.

An aon trioblaid a tha mise faicinn, ’s e - tha daoine sùileachadh an-diugh gum faic iad fiosrachadh bhuat air ais anns a’ bhad, g’e b’e càit’ a bheil thu ’s faodaidh tu a bhith am bad sam bith anns an t-saoghal – ach seach gu bheil iad a’ cur post-dealain thugad, gum fosgail thu e air a’ fon agad agus gum freagair thu e anns a’ bhad. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil sinn air cuip a chur air ar druim fhèin a thaobh sin.

Innes: Bha sibh a' bruidhinn air, tha sibh a’ cur feum mòr air an eadar-lìon agus a’ fòn airson d’ obair, airson gnìomhachas is mar sin. Dè mu dheidhinn a thaobh do bheatha pearsanta?

Murchadh: Tha mi creidsinn - tha dithis nighean agam agus bidh mi tric a’ bruidhinn riuthasan, agus tha mi creidsinn a bharrachd air a sin, cuiridh iad teacst, rudeigin a bha ’s dòcha annasach dhuinn corra bhliadhna air ais ach an-diugh tha e gu math bitheanta ’s gu math cumanta a chur gu feum. Ma dh’fhònas mi dhachaigh, ’s ann le fòn a bhios mi, bidh mi fònadh dhan an taigh ma bhios mi air falbh.