Main content

Tar-sgr矛obhadh: Eileanaich: Na Hearadh

Guthan: Hamish Mac An Tàilleir
Marion NicLeòid
Dòmhnall Iain Moireasdan

Ann an 2011, bha 大象传媒 Radio nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ chriomag seo tha na h-eileanaich Hamish Mac an Tàilleir, Dòmhnall Iain Moireasdan agus Marion NicLeòid a’ beachdachadh air an eilean aca fhèin, na Hearadh.

Marion: Sìth is sonas saoilidh mi, as fheàrr leam anns na h-eileanan. ’S toil leam, mar gum biodh, bhiodh tu ag èirigh a h-uile là ann a shin is chan eil uallach ort taca ri mar a bhiodh tu anns a’ bhaile mhòr. Mar gum biodh suidheachadh uabhasach socair agad anns na h-eileanan. Dòigh-beatha socair ann. Nan tachradh càil dhut, tha an-còmhnaidh cudeigin ann leis an èigheadh tu, cha dèanadh tu sin sa bhaile mhòr saoilidh mi.

Hamish: Bidh sinn a’ cluinntinn tòrr mu dheidhinn bòidhchead na Hearadh, is tha sinn ga chluinntinn an-diugh ’s dòcha barrachd na bha sinn riamh. Tha luchd-turais a’ tighinn a-staigh, agus chì sinn air an telebhisean is cluinnidh sinn daoine ga mholadh. Ach dhomh fhèin, chan eil ann an eilean sam bith ach cnap-talmhainn neo ’s dòcha cnap-cloiche neo cnap-gainmhich. ’S e a tha a’ dèanamh an eilein dhòmhsa ach na daoine a tha a’ fuireach ann. ’S e sin a tha a’ cur cumadh air, agus ’s e sin a tha a’ toirt bith dha.

Dòmhnall Iain: Oh ’s e.

Hamish: Agus a thaobh na Hearadh, chanainns’ gur e àite a th' ann far am faigh thu aoigheachd, eilean iriosal, eilean tùrail, eilean ciallach. Chan urrainn dhomh gun a bhith ga mholadh! (a’ gaireachdainn) Agus eilean anns an robh tòrr foghlam fada mun tàinig an saoghal gu bhith mar a tha e an-diugh. An t-àite às an tàinig tu fhèin a-muigh an sin, bha e air àite cho foghlamaichte ged a bha e iomallach, àite cho foghlamaichte a bh’ anns na Hearadh, is ma bha, bha e air àite far an robh sluagh cho foghlamaichte ’s a bha san rìoghachd.

Dòmhnall Iain: A bharrachd air sin, tha mi a’ smaoineachadh rud eile a tha cudromach agus ionmholta, ’s e an t-saorsa agus an tèarainteachd a th’ againn. Nuair a bhios mise a’ dol dhan leabaidh air an oidhche, chan eil mi a’ glasadh an dorais fhathast co-dhiù. Agus, tha fhios agad gu bheil thu tèarainte na do dhachaigh is ma tha thu airson a dhol a-mach dha na beanntan neo a-mach dhan a’ chuan neo iasgach neo shealg, tha an saorsa sin agads'. Agus a-rithist, tha e math a bhith a’ coinneachadh ri daoine, ri nàbaidhean is luchd-eòlais, is a’ còmhradh 's a’ conaltradh is fealla-dhà a bhith agad cuideachd.