Main content

Tar-sgr矛obhadh: G脿idheil New Zealand

Angela NicIlleathain: Christchurch

Angela: Tha e caran àraid a bhith na mo shuidhe ann a seo, dìreach taobh a-muigh an fheansa, far a bheil a zone dearg. Tha meadhan a’ bhaile a’ coimhead cho sàmhach, chan eil mi a’ faicinn duine, ach aig an aon àm tha mi a’ cluinntinn fuaim an obair leagail – chan e obair togail, ach obair leagail. Tha tòrr togalaichean fhathast an àirde, tha mi a’ faicinn feadhainn le ainmean gu math ainmeil – Holiday Inn air mo làimh chlì; mo làimh dheis, tha an Novotel.

Tha mi a’ faicinn bancaichean New Zealand cuideachd – tòrr mor thogalaichean, ach feumaidh iad uile a thighinn a-nuas. Tha e do-chreidsinneach. Tha feadhainn dhe na togalaichean a’ coimhead ceart gu leòr às a seo, tha fios nach eil bhon taobh a-staigh, no bun-stèidh nan togalaichean, ach feumaidh gu bheil iad gu math mi-shàbhailt’. Chan eil fhios dè seòrsa àit’ a bhios ann an dèidh dhan a h-uile càil a thighinn a-nuas.

Thuirt fear ris an do bhruidhinn mi gun do chaill Christchurch fèin-aithne anns a’ chrith-thalmhainn. Fèin-aithne gu math Sasannach, thuirt e. Gur e sin an rud a bh’ aca, bha sònraichte dhan sgìre-sa an taca ri sgìre sam bith eile ann an New Zealand.