Tar-sgr矛obhadh: C貌mhla a-rithist
Taighean-seinnse Uibhist
Iain: Alasdair, bha thusa na b’ fhaisg air fear dhe na taighean-seinnse gu h-àraid, nach robh?
Alasdair: O bha, bha, bha. Bha mi siud. Cha robh mi ach mu mhìle à Westford. Agus cha shaoileadh duine dad an uair sin agus coiseachd an sin grunn oidhche san t-seachdain.
Ach ’s e àite.... àite math, àite cèilidh, 's e dìreach.... tòrr bhodaich ann agus tha mise a’ caoidh nach do dh’èist mi ri barrachd. Cha robh mòran ùidh agam ann am feadhainn dha na seann stòraidhean aig an àm, you know, ach.... oh bha, bhiodh iad an-còmhnaidh a’ sloinneadh ’s a’ bruidhinn air cogadh ’s a.... och bhiodh ’s iad a' deasbad ’s ag aimhreit is a’ dol far a chèile uaireannan, ach bhiodh iad còmhla an ceann oidhche no dhà, bhiodh iad còmhla a-rithist an-còmhnaidh a’ bruidhinn mun t-sìde. Gnothaichean dhen t-seòrsa sin, bha.
Mar a tha an-diugh, gheibh thu forecast air an telebhisean, gheibh thu trì diofar channels, agus chan e an aon forecast a th' aig gin aca. Uill sin mar a bha na bodaich.