Main content

Tar-sgr矛obhadh: Leth-cheud Bliadhna

Bha Mòd Nàiseanta a’ Chomuinn Ghàidhealaich ga chumail anns an Leargaidh Ghallda mun àm seo bho chionn leth-cheud bliadhna, agus is docha gum b’ ann o chionn ’s gun robh e air Ghalldachd nach do chuir na pàipearan Gàidhealach cus suim ann, seach na prìomh luchd-duaise ainmeachadh.

B’ i Màiri NicArtair à Glaschu, ach le buinteanas do Thiriodh, a thog Bonn Òir nam ban; agus b’ e Iain Murchadh Moireasdan às na Hearadh a choisinn Bonn Òir nam fear. Fhuair Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu prìomh dhuais nan coisirean – Sgiath Lobhat is Thulaich Bhàrdainn.

Ach is neonach nach b’ e an rud buileach annasach mun a’ Mhòd ud, gun deach am fear a choisinn Crùn a’ Bhàird – Ùisdean Laing a Astràilia – a chrùnadh ’s gun e idir an làthair!

Bha e tinn aig an taigh.

Rugadh is thogadh Ùisdean an Uibhist a Deas far an d’ fhuair e oideachadh òg mus deach e gu Oilthigh Ghlaschu a cheumnachadh le MA. Ann an naoi ceud deug is trì deug, thog e air a dh’Astràilia, far an robh e riamh on uairsin, ag obair an toiseach mar mhaighstir-sgoile – is nuair a leig e an dreuchd sin seachad, thòisich e air bàrdachd eadar-theangachadh bho chànanan eile gu Gàidhlig.

Ged nach do cheadaich a shlàinte dha tighinn dhan a’ Mhòd, chaidh Cathair a’ Bhàird a chur air an àrd-ùrlar aig cèilidh mòr oidhche Haoine le Crùn a’ Bhàird suidhichte air, is chaidh an laoidh a bhiodh a’ cur fàilte air a’ Bhàrd ùr a sheinn mar a b’ àbhaist.