Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar – Andy Moireach

Ramsay MacMhathain is Anndra MacFhionghain a’ bruidhinn ri Calum MacAmhlaigh

Calum: Seadh, ’s dè na naidheachdan eile a th’ agad ann a shin, Anndra?

Anndra: Uill, fear a ghlac mo shùil, agus naidheachd tòrr, tòrr nas dòigheil, tha mi creids’, gun do bhuannaich Andy Murray an-dè – gun do bhuannaich e Wimbledon – agus bha mise a’ coimhead Wimbledon an-dè feasgar, agus feumaidh mi ràdh, bha mi dìreach air oir a’ sofa. Bha mi dìreach air mo bheò-ghlacadh leis, bha e cho, cho math, agus gu math math tense cuideachd, ach chòrd e rium dìreach math fhèin, agus tha mi cho toilicht’ gun do bhuannaich e.

Calum: Dìreach. Agus an robh e fortanach, Ramsay, nach robh Djokovic anns a’ chuairt dheireannach na aghaidh?

Ramsay: Tha fhios gu robh!

Calum: Tha fhios gu robh! ’S e biast a th’ ann an Djokovic, tha e cho, cho math.

Ramsay: Fìor nàimhdean a th’ annta, nach e?

Calum: O dìreach.

Ramsay: Can gu bheil iad ... ’S iad a tha a’ cluich an-aghaidh a chèile mar as trice, agus dìreach ... ’s e cnap-starra ro Andy Murray gu math, gu math tric. Agus mar sin, tha fhios gu robh buaidh aig a sin air cho math ’s a rinn e. Agus dh’fheumainn a ràdh cuideachd nach fhaca mi riamh cho math e. Tha e air tighinn air aghaidh gu mòr anns a’ ghèam aige, nach eil? Tha an neart a tha aige a-nist’, tha e dìreach do-chreidsinneach.