Main content

Tar-sgr矛obhadh: 脵r-sgeul

Catrìona Mhoireach: Nise Norma, an e Ùr-sgeul a thug dhutsa am brosnachadh no an robh sgeulachd agad ri innse co-dhiù?

Norma NicLeòid: Uill ’s e Ùr-sgeul a thug dhomh am brosnachadh agus bha an sgeulachd annam an àiteigin, ach cha robh mi ag aithneachadh dè an cruth a bhiodh air no càit’ an deigheadh e. Ach ’s e bha math dha-rìribh dhòmhsa gu robh Ùr-Sgeul ann a shiud agus gu robh cothrom ann an sgrìobhadh agam a chur air beulaibh dhaoin’ eile.

Catrìona: Nise, chuala sinn sgrìobhadair òg eile, Màiri E NicLeòid an siud aig toiseach a’ phrògraim ag ràdh gur e a’ chomhairle a fhuair ise, “Sgrìobh mu dheidhinn na rudan air a bheil thu eòlach.” An e sin a rinn thu fhèin?

Norma: Uill, ’s e, tha mi smaoineachadh gun robh na nobhailean gu math stèidhichte san dualchas is an dòigh san deach mo thogail anns a’ choimhearsnachd mar sin agus chan eil e... cha bhiodh e idir air a bhith furast’ dhomh mar a tharraing a-staigh unnam fhìn gu math domhainn mu dheidhinn a’ chuspair air an robh mi sgrìobhadh.

Catrìona: Agus nuair a thòisich thu a' sgrìobhadh, Norma, an robh dùil agad gu robh thu dol a dhèanamh trì no an e dìreach aon leabhar?

Norma: Cha robh càil – bha dùileam gur e “Dìleas Donn” a bhiodh ann, chan eil e furast’ dhòmhsa sgrìobhadh. Tha e a toirt ùine bhuam agus ’s e saothair mhòr, mhòr a th’ ann mus eil mi an ìre mhath toilicht’ leis an rud a tha mi air a sgrìobhadh a chur air beulaibh dhaoine. Ach dh’fhairich mi às dèidh Dìleas Donn nach robh an seanchas agam idir deiseil.