Tar-sgr矛obhadh: Siud thu!
Le Alasdair MacEachainn
Alasdair: Mun do dh’fhàg mi an Gearasdan, bha mi air motar-baidhg a cheannach, Honda 175, agus cha mhòr riamh on uair sin gun robh mi air, dìreach, fear a’ choireigin a bhith agam. Chan e gu bheil mi a’ faighinn a-mach cho tric ’s a bhithinn an dùil.
Ach co-dhiù, fhuair mi tron deuchainn mun aon àm 's a a fhuair mi licence a’ chàir fhèin agus, bha Kenny John a’ bruidhinn air stòiridh an siud cuideachd ’s ann ceangailte ris a’ Ghearasdan a bha sin.
Nuair a dh’fhàg mi, nuair a rinn mi suas m’ inntinn gun robh mi a’ dol a dh’fhàgail na sgoile as t-samhradh a bha siud, bha agam ri dhol air ais a choinneachadh ri cudeigin a thaobh, mar a chanadh iad careers officer. Agus fhuair mi, mar gum biodh, brath airson coinneachadh ris aig meadhan-latha, an latha a bha seo. Is rinn mi suas m’ inntinn am motar a thoirt leam. 'S dh’obraich mi a-mach nam falbhainn air an aiseag, tha mi cinnteach gun e Dimàirt neo Diardaoin a bh’ ann neo rudeigin, nam falbhainn air an aiseag aig leth-uair an dèidh seachd à Loch nam Madadh sa mhadainn gun dèanainn an Gearasdan dheth aig meadhan-latha.
Agus rinn mi sin, is cha robh mi fad sam bith còmhla ris, agus ma dh’fhaoidte gun robh mi a-mach às a sin mu uair feasgar agus choimhead mi air an uaireadair is thuirt mi, “Oh, tha aiseag a’ falbh às an Òban a Loch Baghasdail aig leth uair an dèidh trì. So, ma nì mi an t-Òban dheth ann an àm, gheibh mi dhachaigh a-nochd”.
Agus, sin a thachair!
Agus choisich mi staigh aig leth uair an dèidh naoi as d’ oidhche, is choimhead mo mhàthair orm is thuirt i, “Oh, bha dùil a’m gun robh thusa a’ dol dhan Ghearasdan an-diugh?”
“Oh uill, tha mi air a bhith ann is tha mi air tilleadh!”
Iain Moireasdan: Cha mhòr nach canadh tu gum biodh sin coltach ri rèis!
Alasdair: Sin an rud, feumaidh gun deach an stòiridh mu chuairt, agus Dòmhnall Iain a’ Bhàigh nach màireann à Eilean Fhloddaigh, bhiodh e a’ sgrìobhadh do Ghazette Steòrnabhagh aig an àm, agus dè ach dh’fheumadh e an stòiridh a bha seo a chur ann an naidheachdan Beinn na Faoghla an ceann seachdain no dhà às a dhèidh sin.