Tar-sgr矛obhadh: S脿r-Chl脿r
Patsi: Uill, tha na roghainnean-ciùil aig duine sam bith tha iad an-còmhnaidh pearsanta, ach tha do thaghadh-sa pearsanta buileach, nach eil?
Joan: Uill, tha. Tha mi air taghadh Iseabail NicAsgaill agus an clàr mu dheireadh a rinn i, sin Essentially Iseabail. Bha mi gu math eòlach air Iseabail airson grunn bhliadhnaichean. Choinnich sinn cha chreid mi ann an 1995. Bha sinn, an dithis againn, ag obair air an aon phròiseact ann an Dùn Èideann gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh an sin, agus bhiodh i a’ tighinn chun na taighe. Bha sinn a’ fuireach ann am flat ann am Marchmont aig an àm, mi fhìn is an duine agam, agus bhiodh i a’ fuireach còmhla rinn nuair a bha i ann an Dùn Èideann, agus cuideachd, thòisich i an uair sin a’ tighinn nuair a bha i aig Fèis Dhùn Èideann. An uair sin, chaidh sinn a-mach a dh’fhuireach air iomall a’ bhaile. Agus bha taigh againn an sin, is thàinig i sin is thàinig a’ chlann againn, agus bha i gu math faisg air, gu h-àraid mo nighean Màiri. Bha i cho snog, agus bha i an-còmhnaidh làn spòrs, bha i cho blàth na nàdar, agus bha a’ chlann cho measail oirre cuideachd agus, bha mi ag iarraidh an clàr seo a thaghadh mar chuimhneachan oirre.
Iseabail: An tèid thu leam a Mhàiri
An tèid thu leam a Mhàiri
An tèid thu leam a Mhàiri
Gu tìr nam beanntan àrda?