Tar-sgr矛obhadh: Mac'illeMh矛cheil
DJ Mac an t-Saoir a’ bruidhinn ri Iain Mac’illeMhìcheil
DJ: Bha iad aig ìre gu math, gu math truagh feumaidh mi ràdh. Agus an rud a bu mhiosa dheth, cha robh sinn ag obair Iain ach... bha sinn a’ tòiseachadh aig seachd uairean sa mhadainn agus a’ teagasg agus bhiodh iadsan an uair sin aig naoi uairean, rud nach robh mise a’ creidsinn, aig naoi uairean dh’fhalbhadh iad gu bracaist airson uair an uaireadair. Sheadh, aig naoi uairean, cha robh iad ach an dèidh ’s a bhith ag obair bho sheachd gu naoi.
Iain: Seadh
DJ: Is dh’fhalbh iad gu bracaist agus chanadh tu riutha, “Bi air ais aig deich uairean is tòisichidh sinn air an ath leasan.” Uill, thilleadh iad aig fichead mionaid às dèidh deich no leth-uair às dèidh deich, is bhithinns’ a’ cur an donas asta, ag ràdh riutha, fhios agad, “Feumaidh tu a bhith an seo, feumaidh sinn an leasan seo a dhèanamh.”
Iain: Oh, ’s e an trèanadh an Airm a tha a’ tighinn troimhe tha mi creidsinn!
DJ: ’S e, ’s e. Agus cha bhiodh acasan ach an aon fhacal, tha mi cinnteach gu bheil sibh gu math eòlach air, ’s e Inshallah a chanadh iadsan, fhios agad, God Willing. Agus cha robh e a’ cur fead orrasan. Cha robh iadsan ach dìreach... thigeadh iad nuair a thigeadh iad. Ach bha an ìre gu math ìseal. Ach na dhèidh sin, bha feadhainn dhe na pìobairean a bha gu math tàlantach.
Iain: Agus an robh iad a’ cur còmhlan pìoba ri chèile?
DJ: Uill, sin a bha iad a’ feuchainn ri dhèanamh nuair a chaidh mise a-null. Bha còmhlan mòr aig na poileasmen, ach ’s e military band a bh’ unnta, agus bha na pìobairean nam measg. Agus sin an obair a bh’ agams’ Iain, a dhol a-null mi fhìn ’s balach eile, agus còmhlan pìoba a chur a-mach às a sin gus gun tigeadh iad gu... fhios agad... gu na Worlds ann a sheo.
Iain: Oh aye, ann an Alba, aye.
DJ: ...agus an Tattoo agus a h-uile rud mar sin. Ach bha iad aig ìre cho ìseal nach robh cothrom aca sin a dhèanamh.