Main content

Tar-sgr矛obhadh: Ainm Eile: Robina

Robina: Uill, ’s e Robina an t-ainm a th’ ormsa, agus tha mi air ainmeachadh às dèidh mo sheanair, agus ’s e Rob a bh’ airsan, agus ’s ann mar sin a fhuair mise an t-ainm Robina.
Angela: Chan e ainm cumanta a th’ ann an Rob anns na Hearadh.
Robina: Uill, chan e, ach bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn sin, is tha mi air caran smaoineachadh mu dheidhinn triùir neo cheathrar 's dòcha muigh rathad an Tairbeart air a bheil Rob. Chan eil cho fad ’s as aithne dhomh, cha robh duine caran ceann a deas na Hearadh air an robh Rob dha na daoine a bhuineadh dha na Hearadh fhèin. Ach, bha feadhainn air an Tairbeart.
Angela: Nist’, an robh sibh fhèin toilichte gu leòr leis an t-ainm Robina? ’S e ainm caran annasach a th’ ann, chan eil e cumanta a bharrachd.
Robina: Cha do smaoinich mi riamh mu dheidhinn! Chan e rud a bh’ ann a chur dragh sam bith orm. Gun teagamh, cha b’ aithne dhò mhsa, cha chuala mi riamh mu dheidhinn duine air an robh Robina anns na Hearadh, ach aon bhoireannach eile a bha a’ fuireach a-mach às an Tairbeart. Ach, tha mi air an t-ainm fhaicinn ann am pàipear an-dràsta is a-rithist. Chan eil tric. Nuair a bha mi a’ teagasg ann an Glaschu, bha nighean bheag às Pagastàn anns an sgoil, ’s e Robina a’ chiad ainm a bh’ oirrese.
Angela: Agus, an robh fear aicese air an litreachadh eadar-dhealaichte bhon fhear agaibhse?
Robina: Uill, chan urrainn dhomh ràdh. Chan fhaca mi an t-ainm aicese sgrìobhte idir. ’S e I-N-A a tha aig deireadh an ainm agamsa, is uaireannan bhiodh daoine ga ghabhail mar Robina (le I làidir), nuair a chì iad e can airson a’ chiad turas. So dh’fheumainn an cur ceart a ràdh riutha, “Chan e, Robina (le I nas socraiche) a bh’ ann.”
Glè thric, ’s e Ribena a gheibhinn cuideachd. Tha cuimhn' a’m nuair a bha mi anns a’ bhun-sgoil, thàinig nighean a bha san sgoil còmhla rium, thàinig I far an robh mi aon latha is thuirt i, “Chunnaic mise an t-ainm agad ann am magazine.” Agus sheall i dhomh e, agus ’s e a bh’ ann ach sanas airson botal ribena!