Tar-sgr矛obhadh: Baile Horgaboist aig 80
Ceitidh Anna NicChoinnich agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach (Dòmhnall Sham)
Ceitidh Anna: Agus nuair a thàinig sibhse ann – tha deagh chuimhn ’ agaibh, cha robh sibh ach sia bliadhna dh’aois – tha... uill ’s ann ann an hut a bha sibh a’ fuireach an toiseach, nach ann – chun an d’ fhuair sibh air an taigh a thogail?
Dòmhnall Sham: ’S ann, ach nise, nuair a thòisich an cogadh sguir iad a’ thoirt seachad nan iasadan airson nan taighean. Cha deachaidh aona taigh a thogail an uair sin gus an deachaidh an cogadh seachad... 's e, na... ach chaidh na taighean eile, bha iad air an togail ron a sin. Ach ’s ann an dèidh a’ chogaidh a chaidh an taigh againn a thogail agus an taigh aig do sheanair shìos ann a sheo.
Ceitidh Anna: ’S dè cho furasta ‘s a bha e dhuibh an taigh a thogail an uair sin?
Dòmhnall: Uill, ‘s e mi fhèin ’s m’ athair a chruinnich na clachan – a h-uile clach a chaidh ann à cliathaich an leothaid ann a shin. Bha meall de thobhtaichean ann – mus robh na fuadaichean ann, fhios agad, bha tobhtaichean ann san robh na daoine a’ fuireach an uair sin. Agus bha sinn gan slaodadh a-nuas, le barra-làimhe, chun an taighe, ‘s gam bristeadh le òrd. Agus chaidh an taigh a thogail an uair sin agus cha do chosg e ach beagan is sia ciad nòt an uair sin a thogail. Chaidh an tobht' a thogail airson dà fhichead nòt ’s a còig.