Main content

Tar-sgr矛obhadh: Suipear Burns

Deoch-Slàinte nan Caileagan: Bill Innes

Bill: Bàrd na h-Alba, seadh dha-rìribh. Reul nam filidh, bàrd na fìrinn, is crìdhe bàidheil.

Uill, gu cinnteach bha Burns gu h-àraid bàidheil dha na boireannaich agus, feumar aideachadh gu robh deannan mhath dhiubh a bha toilichte gu leòr a bhith bàidheil air ais.

Òg ’s ged a dh’eug e, dh’fhàg e co-dhiù dusan leanabh às a dhèidh. Agus ’s dòcha nach eil sin na iongnadh gu robh e cho tarraingeach dhaibh; a-rèir na dealbhan a th’ againn air Burns, ’s e duine àrd le deagh chumadh a bh’ ann – ach gu h-àraid, bha sùilean domhainn, dorcha na cheann – agus a-rèir na h-aithrisean, nuair a bhiodh e ann an cuideachd agus cuspair air inntinn a ghlacadh, bha aodann a’ tighinn beò, agus na sùilean dorcha a bha sin a’ lasadh mar an dealanach.

Ach a bharrachd air a sin buileach, bha e comasach air òrain gaoil a chruthachadh, agus a chuid suirghe a dhèanamh ann am bàrdachd. Uill bha sin anns na bàird againn fhìn cuideachd. Ach feumar aideachadh, nach robh iad – ged a tha ceudan de dh’òrain ghaoil ac’ ann an Gàidhlig – nach robh na bàird an-còmhnaidh cho soirbheachail ri Burns. Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin ... An Eala Bhàn ... Nighneag a Ghràidh ... A Pheigi a Ghràidh ... na h-òrain aig Uilleam Ros ... Etcetera, etcetera ... Cha do dh’obraich gin dhiubh!