Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 9
“Na Tha Ann a Thoirt Às”
Tha dùil ri “samhradh breac riabhach” anns na h-Eileanan an Iar ach tha dòchas aig a h-uile duine, an uair a thig am Foghar, gur e “foghar geal grianach” a bhitheas ann. Sin mar a tha Seumas cuideachd. Ged a tha e ag iarraidh deagh shìde airson an fheòir, tha e ceart coma ged a bhitheadh cuid mhath den t-samhradh fliuch, fhad ’s a gheibh e làithean tioram, grianach, airson a bhith ag obair air an arbhar.
Is e am foghar as fheàrr le Calum de na ràithean gu lèir. Is fìor thoigh leis a bhith ag obair air a’ chroit aig an àm seo den bhliadhna, agus chan eil car a tha ri dhèanamh nach cuir e a làmh ris ach an spealadh fhèin. Chan eil fhios nach dèanadh e sin cuideachd, nam faigheadh e cothrom. Nì e togail agus ceangal, agus chan eil duine beag no mòr anns an sgìre a chuireas adagan ann an sreathan cho dìreach ris.
Is iad sin na h-adagan nach bi fada dìreach ma gheibh Màiri cothrom orra. Chan eil dad air an t-saoghal as fheàrr leatha na bhith a’ dèanamh falach-fead am measg nan adagan arbhair, i fhèin agus dithis no triùir de “na faoileagan eile”, mar a bhitheas aig Calum air na companaich aice. Is iomadh latha a shàraich seo Calum bochd, is e fhèin cho dìcheallach.
“Thoir an taigh ort, òinseach”, bidh e ag ràdh ri Màiri, “tha an t-àm agad fàs ciallach.”
“Cluinnibh airsan”, bidh ise ag ràdh, “mas fhìor nach bi e fhèin a’ cluich idir!”
Cha tèid tàmh air Seumas gus am faigh e a h-uile sguab cruinn, cothrom, còmhla anns na cruachan mòra, agus cha bhi cus fois aige an uair sin fhèin, oir bidh am buntàta abaich a-nis, agus deiseil airson a thogail. Tha iad a’ cur dusan poca a h-uile earrach, agus togaidh iad faisg air ceud poca aig deireadh an fhoghair mura tig galair sam bith ann, mar tha cnàmh, no gràinne-dubh, no lobhadh. Bidh corra dhruim goirt ann an Lag na Coille mus bi togail a’ bhuntàta seachad – “Ach mo thogair”, bidh Seumas ag ràdh, “cha dèanar math gun mulad.”
A. Tha fios nach bi feum agad air cuideachadh leotha seo:
1. Dè an seòrsa sìde a tha Seumas ag iarraidh an uair a thig am foghar?
2. Carson a tha e ag iarraidh na sìde sin?
3. Dè an seòrsa sìde a tha thu fhèin ag iarraidh an uair a thig an samhradh?
4. Carson a tha thu ag iarraidh na sìde sin?
5. Dè an ràith as fheàrr le Calum air fad?
6. Dè an ràith as fheàrr leat fhèin?
7. Carson seo?
8. Cia mheud sguab a chuireas tu ann an adaig arbhair?
9. Carson a bhitheas Calum ag ràdh gu bheil Màiri agus a companaich mar na faoileagan?
10. Carson a bhitheas Màiri a’ cur na feirge air Calum?
11. Ciamar a tha am buntàta an uair a tha e abaich?
12. Ciamar a bhitheas a’ ghealach an uair a bhitheas an t-arbhar ag abachadh?
13. Nan canadh tu fhèin "Mo thogair", dè bhitheadh tu a’ ciallachadh?
14. Saoil cia mheud punnd a tha ann am poca buntàta?
15. Dè an t-ainm a tha agad air an dìthean a tha a’ fàs air a’ bhuntàta?
B.“Bho eileanan gu eileanan” - cuiridh tu ainm eilein anns a h-uile sreath a tha seo:
1. Is e .... “Eilean a’ Cheò”.
2. Is e .... “Eilean an Fhraoich”.
3. Tha drochaid air a togail eadar .... agus ....
4. “Chi mi fada bhuam .... àilleagan a’ chuain”.
5. Bidh an “Claidheamh Mòr”, tè de bhàtaichean Mhic a’ Bhruthainn, a’ tadhal ann an Loch Baghasdail, ann an ....
6. “Eilean ....., eilean maiseach mo ghràidh.”
7. Tha clò ainmeil air ainmeachadh air ....
8. Is e .... “Eilean Grinn na h-Òige”.
9. Is ann am .... a tha Tobar-Mhoire'
10. “Is ann an .... bhòidheach a rugadh mi ’s a thogadh mi.”
11. Is e .... an t-eilean as motha tha air an t-saoghal.
12. Is e .... an t-eilean as fheàrr a tha air an t-saoghal.
C. Tha thu eòlach gu leòr air an fheadhainn seo - tha iad anns an eilean agad fhèin.
1. Tha craobh anns a’ ghàrradh; tha duilleagan a’ fàs air a’.....
2. Gheàrr mi mo làmh; tha gearradh air mo.....
3. Rug a’ chearc ugh; bha ugh aig a’.....
4. Is e latha fiadhaich a tha ann; tha fuaim mòr aig a’.....
5. Tha solas an latha a’ tighinn a-steach air an.....
6. Tha bàrr air do shròin, agus bonn air do.....
7. Cuir snàth anns an t-.... agus cuir brèid air an toll seo.
8. Bhuail an clachair an t-òrd air a’ .... agus bhris e i.
9. Is fìor thoigh leis an .... latha le uisge is dìle.
10. Tha dubhan agus driamlach aig an iasgair air an t-.....