Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha
Donnchadh MacFhionghain a’ bruidhinn ri Dòmhnall Camshron
Donnchadh: Bha seachdnar mhac aig mo sheanmhair agus aon nighean.
Dòmhnall: Robh gu dearbha?
Donnchadh: Agus bha sianar dhiubh sin anns a’ Chiad Chogadh, anns an nèibhidh.
Dòmhnall: An robh?
Donnchadh: Anns an naval reserve.
Dòmhnall: Sheadh?
Donnchadh: Bha dithis aca nach d’ thàinig dhachaigh nach do... a chaidh a chall, agus theab m’ athair, e fhèin, a chall, bha e thall aig na Dardenelles. Chaidh e... chaidh e a thorpedoadh ann a shin. Bha e uabhasach lucky, bha e ag ràdh, nuair a chaidh am bàta sìos leis, gun do dh’èirich e an àird agus bha e ri taobh hatch...
Dòmhnall: Ach shàbhail a hatch seo a bheatha?
Donnchadh: Shàbhail a hatch seo a bheatha. Bha e ag ràdh nam biodh e beagan òirlich an dara taobh, gu robh i air a faighinn, fhios agad, mar a bha suction a’ bhàta a’ tighinn an àird, gu robh e air fhaighinn mun cheann. Fhuair e an uair sin leave às a sin, fòrladh a bh’ ac’ air an uair sin.
Dòmhnall: Seadh, seadh, seadh.
Donnchadh: ’S thug e leithid a dh’ùine air tighinn a Bhearnaraigh às a’ Ghreig, is cha robh e am Bearnaraigh ach aon oidhche. Aon oidhche ’s bha e falbh an làrna-mhàireach ’s rinn e òran an uair sin, bha fichead ceathramh ann tha mi cinnteach – mar a dh’fhalbh e à Bearnaraigh ’s mar a... a h-uile eilean a bha e a’ faicinn a-mach à Loch nam Madadh ’s a h-uile sìon.