Main content

Tar-sgr矛obhadh: An L脿

Alasdair: Cha mhòr gu bheil caisteal ann an Alba anns nach eil taibhse air choireigin. Uill, ann a sheo, aig seann chaisteal Dhùn Tuilm ann am fìor cheann a tuath Thròndairnis san Eilean Sgitheanach tha na trì ann; bòcan fear Ùisdean MhicDhòmhnaill agus Dhòmhnaill 'ghorm' MhicDhòmhnaill cho math ri banaltram a bh' aig na Dòmhnallaich. A bharrachd air na bòcain tha e coltach gun robh uaireigin rud na b' eagallaich buileach sna ceàrnaidhean seo, sin beathach coltach ri crocodile co-dhiù a-rèir fosail a lorgar bho chionn ghoirid air cladaichean Dhùn Tuilm.

Donald: 'S e fosail gu math ainneamh agus iongantach a tha seo. Thàinig e bho na, bho na creagan a tha seo a tha sinn nar seasamh air, Cladach Dhùn Thuilm. Agus 's ann o chionn ghoirid a rinn iad, rinn luchd-èolais a' rannsachadh air agus mhothaich iad nach robh mòran de na crogaill tha sin ri fhaighinn riamh anns an t-saoghal agus 's e sin a tha ga fhàgail cho cudromach.

Alasdair: Ma thig an latha far an tèid Jurassic Park is na crogallan air ais a Dhùn Tuilm feumaidh croitearan a bhith cinnteach gu bheil feansaichean gu math làidir aca.

Donald: O chan eil fhiosam dè seòrsa feansa a chumadh an crocodile a-mach. Cha leumadh e co-dhiù cha chreid mi, 's dòcha gum faigheadh e fodhpa ach cha chreid mi gum faigheadh e air sreap, chan eil mi a' smaoineachadh gun dèanadh e sreap co-dhìu. Fhad 's nach fhaigh iad ach fiaclan chan eil an gnothach cho dona eh (laughter)? Dè? (ri fealla-dhà)

Alasdair: Bidh na caoraich taingeil nach eil iad ann tuilleadh ach tha na fosailean a dh'fhàg na beathaichean bho chian a' tàladh iomadh neach-rannsachaidh gu cladaichean cheann a tuath an Eilean Sgitheanaich.