Main content

Tar-sgr矛obhadh: Cainnt an L脿

MORAG: Nach e an uinneag a tha làn deigh, cha mhòr gum faic mi troimhpe. Ahhh, their mi ruith oirre an ceartuair. Cupa tì an toiseach. Deich mionaidean gu naoi, tha ùine agam fhathast.

“Cha leig thu leas an coire a lìonadh gu bhàrr a Mhòrag. Cuir ann gu leòr a ni dà chupa, na bi a’ cosg na h-electricity!”

Nach liuthad turas a chuala mi Papaidh ga ràdh.

“Cuir ort geansaidh blàth an-diugh a Mhòrag, tha i gu bhith fuar.”

Tha e neònach. Fàsaidh duine eòlach air fuachd, tha radiator set aig a trì.

“Trì fad a’ gheamhraidh a Mhòrag, dheth fad an t-samhraidh.”

Tha e mar sin agam fhathast. Cha dùraiginn a thionndadh suas ged a bhithinn air a shon, bhiodh Papaidh cho diombach.

Oh! Dè thachair? Oh, seall an coire! Ooh, tha an taobh a-staigh aige dubh. Feumaidh gun do spreadh rudeigin na bhroinn.

Uill, cha d’ fhiach dhomh coire ùr a cheannach airson fad seachdain, an d’ fhiach? Their mi leam thermos on taigh.

Seachdain. Seachdain eile. Às dèidh deich air fhichead bliadhna. ’S e ùine mhòr a tha sin. Deich air fhichead bliadhna. A h-uile seachdain nam sheasamh an seo air cùl a’ chuntair.

“Seas suas dìreach a Mhòrag, dhìot a’ chroit a sin!”

Tha cho math dhomh an coire a seo a chaitheamh dhan sgudal.

Oh well a Phapaidh, nach iomadh cupa a ghabh sinn on choire ud.