Tar-sgr矛obhadh: Oighreachd Ch脿rlabhaigh
Coinneach MacIllFhinnein: Tha sinn air a bhith trì bliadhna ag obair air, a’ feuchainn ri ruighinn chun na h-ìre-sa. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil a’ chùis air a bhith ag obair uabhasach math agus uabhasach sgiobalt’ dhan a h-uile duine a bh’ ann.
Aonghas Dòmhnallach: Nise, gu fortanach dhuibhse, bha uachdaran agaibh a bha deònach dèiligeadh ribh.
Coinneach: Bha. ’S e buannachd mhòr a bha sin dhuinne, agus uill, mura biodh sin air a bhith againn, cha bhiodh sinne air a dhol air an t-slighe a tha seo bhon a’ chiad latha. Ach, ri linn gun robh an t-uachdaran a bh’ ann airson an oighreachd a reic rinn, bha sinn toilicht’ gu leòr rannsachadh a dhèanamh a-mach a dh’fhaicinn dè mar a dheigheadh dhuinn. Is tha sinn a-nis air a thighinn chun na h-ìre far an d’ fhuair sinn an airgead airson an oighreachd a cheannach, agus a h-uile càil air a dhol troimhe. Rudan taobh luchd-lagha, is rudan taobh mapping airson an oighreachd, tha a h-uile càil a tha sin a-nis air a chrìochnachadh, agus tha dùil againn an oighreachd a ghabhail a-null.
Aonghas: Dè cho duilich ’s a bha sin a dhèanamh? Airson tha sinn a’ cluinntinn oighreachdan eile fad ’s a bheil aca ri na crìochan a chur a-mach agus, tha sin na pholla dhaibh. Gu math tric, chan eil fhios aca càit’ fo ghrian a bheil na crìochan.
Coinneach : Uill a thaobh crìoch an oighreachd fhèin, bha sin an ìre mhath furasda gu leòr dhuinn, a’ chrìoch a-muigh mar gun canadh tu. Ach, an rud a tha duilich, ’s e a bhith a’ feuchainn ri faighinn na crìochan a th' air taobh a-staigh na h-oighreachd far a bheil pìosan air a thoirt a-mach às an oighreachd airson taighean, croitean air pìos a chur riutha is rudan mar sin, is taighean ùra air an togail, tha a h-uile càil a tha sin air a thoirt a-mach às a’ chroiteareachd, agus feumaidh an uair sin am map sealltainn a h-uile càil a tha sin a tha air a thoirt a-mach. Is tha sinn aig ìre a-nis far a bheil map againn a tha sinn an ìre mhath cinnteach gu bheil a h-uile càil ceart.
Aonghas: Dè cho mòr ’s a tha an oighreachd agus càit’ a bheil i a’ dol? Dè na crìochan a th’ oirre aig a’ cheann shìos is aig a’ cheann shuas?
Coinneach : Uill, tha an oighreachd, ’s e h-aon mìle deug de dh’acair a th’ innte air fad. Chan e faidhear oighreachd mhòr mar sin a th’ innte idir, agus tha i a’ ruith bhon a’ chrìoch eadar Callanais agus Gearradh na h-Aibhne air a’ cheann an ear dhan oighreachd, sìos gu ruig sin abhainn Chàrlabhaigh air a’ cheann an iar. Agus a’ dol a-mach an uair sin taobh na mòinteach, mar gun canadh sinn taobh rathad a’ Phentland, a-mach gus an cuir i crìoch ri pàirt de dh’ Oighreachd Steòrnabhaigh.
Aonghas: Dè na cothroman a tha seo a’ fosgladh suas dhuibh airson... ’s e uallach a th’ ann a bhith a’ ruith oighreachd, agus tha mi cinnteach gum bi sibh a’ coimhead airson cothroman leasachaidh.
Coinneach : ’S e uallach a th’ ann, agus tha fiù an obair a chaidh a dhèanamh anns an trì bliadhna a chaidh, bha uallach ann a shin fhèin bhon a’ chiad latha a chaidh sinn a-mach a dh’fhaighinn beachd a’ choimhearsnachd, is bha beachd a’ choimhearsnachd leinn. Is fhuair sinn air adhart leis a sin, agus a-nise, tha sinn a’ faicinn gur ann an-dràsta a tha an obair a’ dol a thòiseachadh.