Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne
Gillebrìde MacIlleMhaoil
Gillebrìde: Tha mi cinnteach gu bheil a’ chuid as motha agaibh air gu leòr fhaicinn anns na bùithean agus anns na meadhanan gu bheil sinn a’ teannadh air an Nollaig. Le sanasan-reic air an telebhisean agus air an eadar-lìon a’ strì gus ur tàladh gu bhith ceannach na rudan as ùire, na rudan as gleansaiche agus mas fhìor as fheàrr. Tha sinn a’ nist’ anns an darna seachdain dhen Aidbhein. Bha mi smaointinn gum biodh e inntinneach an t-seachdain seo coimhead air cuid dhe na cleachdaidhean anns an àm seo ann an àiteachan eile air feadh an t-saoghail. An-diugh, tha e gu math iomchaidh gum bitheamaid a’ toirt sùil air an Òlaind agus a’ Bheilg, oir ’s ann a-nochd a bhios Naomh Nicholas a’ dol mun cuairt nan taighean anns na dùthchannan sin, gus tiodhlacan fhàgail aig a’ chloinn.
Gu dearbha, bidh clann air na brògan fiodha fhàgail air taobh a-muigh an taighe le dòchas gun nochd Naomh Nicholas le tiodhlacan dhaibh. Anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cruinneachadh airgid dha na bochda agus dhaibhsan aig nach robh cothrom air tiodhlac sam bith fhaighinn. Tha mòran dhe leithid sin fhathast a’ dol air adhart, agus na coimhearsnachdan agus ionadan a’ dèanamh nas urrainn dhaibh, gus dèanamh cinnteach gu bheil aoibhneas air a thoirt do chloinn gu sònraichte air an latha seo anns an Òlaind agus anns a’ Bheilg.
Chan eil sìon cho brèagha ri bhith faicinn òganaich air an dòigh, a’ fosgladh thiodhlacan agus mar sin an-diugh, nach fheuch sinn air beagan dhen aoibhneas agus dhen neochiontas aig cloinn a sgaoileadh nar beatha fhìn.