Main content

Tar-sgr矛obhadh: Leanabh an 脌igh

Eleanor NicDhùghaill agus Dòmhnall Meek

Eleanor: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh creideamh ga toirt tro bheatha ann an dòigh, gu sònraichte nuair a bha cùisean doirbh dhith. Agus rud eile, shiubhail fear de mhic Màiri aig aois trì deug thar fhichead, an aon aois ’s a shiubhail Ìosa Crìosd', agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh sin ann an inntinn Màiri nuair a rinn i an dàn. Ged nach robh an dàn fhèin mu dheidhinn am mic tha fios, ach b’ e sin gu ìre a bha a’ brosnachadh Màiri aig an àm, neo bha i a’ feuchainn ri dèiligeadh ri rudeigin gu math cruaidh, gu math doirbh a thachair na beatha, agus i a’rannsachadh beatha Ìosa Crìosd'.

Eleanor: Chuala mi gun d’ fhuair i am fonn bho iasgair bho thaobh an ear na h-Alba a bha a’ tadhal, ’s dòcha ag obair anns an àite seo. Agus bhiodh i ag ionnsachadh, tha mi cinnteach, anns an dòigh am biodh daoine ag ionnsachadh anns na làithean sin. Dìreach ri bhith ag èisteachd agus ri bhith seinn, fhios agad an fhonn fhèin. Agus chuir i facail ris an fhonn sin.

Dòmhnall: Tha e anabarrach brèagha. Ma chluinneas tu e, cha dìochuimhnich thu e gu bràth. Saoilidh mise gu robh Màiri a’ taghadh ann an sin aon de na fuinn a bha cumanta ann am Buneasain. Agus tha am fonn cho drùidhteach is cho brèagha. Dh’fhalbh a fonn leis fhèin air sgiathan a’ chiùil.

Leanabh An Àigh

Leanabh an àigh, an leanabh aig Màiri,
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite
Son' iad an àireamh bhitheas dha dlùth.
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b' ionann 's an t-Uan thàinig gar fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais o thùs;
E naomha gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh;
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.
Seo leanabh an àigh a dh'aithris na fàidhean;
'S na h-ainglean àrd, b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dha
Sona an àireamh bhitheas dha dlùth.
'S ann am Betlehèm thàinig an sgeul
'S binne da threud na teudan ciùil;
Armailt nam Flaitheas is ainglean nèamh
Ag àrd mholadh Dhè 's a' seinn a chliù.
Èistibh an fhuaim le sgeula nam buadh
A dh'aithris na buachaillean o thùs;
Gheibh sibh an t-Uan sa phrasaich na shuain
'S e shaoras a shluagh le buaidh 's le cliù.
Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìleas cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinn o shìorr'achd
Urras ro chinnteach air ar cùl.
Neartaich ar dòchas, meudaich ar n' eòlas
Cuir sinn nad ròidean dìreach dlùth;
Le ola nar lòchrain mar ris na h-òighean
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.