Main content

Tar-sgr矛obhadh: Pr貌gram Choinnich

Boyd Robasdan a’ còmhradh ri Coinneach MacÌomhair

Boyd: Tha mi a’ smaoineachadh gur e urram a th’ air a bhith ann an ìre mhath suas chun an seo, agus gu dearbh, chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air Iain Tormod a tha dìreach air ar fàgail an-dràsta.

Coinneach: Can ris tilleadh ma-thà gun inns’ e dhut dè tha còir agad a bhith a’ dèanamh!

Boyd: (a’ gaireachdainn) Uill gu dearbh! Gheibh mi a-mach bhuaithe.

Ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil cothrom ann an lùib tiotal mar sin anns an t-saoghal a th’ ann an-diugh far a bheil uaireannan strì a’ nochdadh anns na meadhanan a thaobh na Gàidhlig is daoine a bhith a’ cur sìos, mar eisimpleir, mar a chunnacas o chionn ghoirid air Poileas na h-Alba seach gu bheil iad an dùil a h-uile sìon a tha a’ nochdadh air na càraichean is air na deiseachan aca a chur anns an dà chànan. Tha mòran smodal a’ nochdadh anns na meadhanan o dhaoine a tha gu math aineolach mu dheidhinn suideachadh na Gàidhlig san dùthaich.

Agus chanainn gu bheil cothrom aig tosgaire a bhith a’ feuchainn ri cothachadh ri rudan dhen t-seòrsa sin, agus a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig anns a h-uile dòigh as urrainn, ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba.

’S e duais a th’ ann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad tron a’ Chomunn Ghàidhealach. Agus bhithinns’ an dòchas gun tigeadh cothroman a bharrachd air dìreach a bhith a’ nochdadh aig a’ Mhòd is a’ faighinn urram. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil feum againn air a bhith a’ brosnachadh dhaoine tron bhliadhna airson aire a thoirt dhan a’ Ghàidhlig agus airson maith na Gàidhlig.