Tar-sgr矛obhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
An oidhche sin, bha a h-uile càil air a chur air dòigh aige. Bha na geàird-fhaire aige a-muigh leis na coin gun sgur a’ dol timcheall an taighe mar a bhiodh iad a h-uile latha dhen bhliadhna. Ach a-nochd bha barrachd dhiubh ann agus chaidh a ràdh riutha a bhith gu h-àraidh furachail. Thàinig a’ bhan leis a’ chlaigeann gu doras-aghaidh an taighe ann an Cranleigh aig deich uairean agus ghiùlain na geàird an claigeann a-staigh dhan t-seòmar a b’ fheàrr leis, seòmar-suidhe mòr, brèagha, le dealbhan ainmeil air na ballachan le Millet, Picasso agus Francis Bacon. Ann am meadhan an t-seòmair bha bòrd mòr, eireachdail, mahogany. Agus ann am meadhan a’ bhùird, bha cuisean dearg. Chaidh an claigeann deàlrach a chur gu faiceallach air a’ chuisean agus dh’fhalbh na geàird.
Ghlas e na dorsan. Bha e leis fhèin leis a’ chlaigeann. Dhòirt e drama uisge-beatha dha fhèin agus shuidh e sìos aig ceann a’ bhùird a ghabhail beachd air an dèideag mhìorbhaileach a bha e air a cheannach. Esan, Slim, nach e bha air faighinn air adhart o bha e na phàiste bochd ann an Durham. Dhèanadh an claigeann seo ainmeil e. Jon Fairly, an duine leis an robh an claigeann aig Damien Hirst.
Shuidh e a’ coimhead air a’ chlaiginn, mar a bha e air a dhèanamh. Na daoimeanan air an seatadh cho faiceallach agus cho mionaideach anns a’ mheatailt, na mìltean dhiubh agus an daoimean mòr sgoinneil ann am meadhan a’ mhaoil. Ach ’s e bu mhotha a dhrùidh air, na fiaclan, iad cho geal agus slàn agus beò a’ coimhead, am beul fosgailte, a’ gàireachdainn ris. Na cùlagan cho mòr agus deiseil airson biadh a chagnadh; na clàr-fhiaclan deiseil gus feòil a reubadh. Cha robh beàrn no cosg annta le cus bleith. Feumaidh gur ann le duine òg a bha iad air a bhith.
Agus bha an claigeann slàn cho toilichte a’ coimhead, samhla soilleir, aotrom a’ magadh a’ bhàis. Agus smaoinich maighstir a’ chlaiginn cho fortanach ’s a bha e gur e esan a fhuair an claigeann seo, gur ann leis fhèin a bhiodh e gu bràth tuilleadh. Saoil cò leis a bha na fiaclan; saoil dè am biadh a bhiodh iad ag ithe? smaoinich e. Dè bhiodh an anail a bhiodh a’ tighinn eatorra ag ràdh?
“Feumaidh tu mo thiodhlachadh.” Thàinig an guth gun rabhadh sam bith mar gum biodh a-mach às an èadhar timcheall air.