Main content

Tar-sgr矛obhadh: Fianais

Mìcheal Bochanan is Iain Moireasdan

Iain : Bha thu a’ feuchainn air Benghazi agus ann an iomadach dòigh, ’s ann an sin a thòisich an ar-a-mach. Aon uair ’s gun do ràinig thu, dè... cò ris a bha thu a’ faireachdainn coltach an sin?

Mìcheal: Uill, bha, ’s e an rud, ’s e an diofar eadar Cairo agus Benghazi dhòmhsa agus na daoine ris an robh mi bruidhinn, ’s e... cha robh ann ach toileachas. Nis, aig an àm seo bha am blàr fhathast a’ dol, agus gu ìre mhòr bha am blàr a’ fas nas fhaisg’ air Benghazi, air sàillibh thòisich e ann am Benghazi ’s ghluais e dhan iar agus an uair sin thàinig na feachdan aig Ghaddafi ’s phut iadsan air ais e ’s bha an armachd acasan ’s bha plèanaichean aca ’s mar sin bha iad nas làidire gu ìre mhòr. Agus mar sin bha mì-chinnt ann mu dheidhinn dè dìreach a bha a' dol a thachairt – ach a bharrachd air a sin bha na daoine dìreach fhèin cho toilichte gu robh... gu robh iad a’ smaointinn gum b’ urrainn dhan seo tachairt, agus nuair a bha iad a’ coimhead chun an Èiphit agus na bha tachairt le Mubarak, cò shaoileadh gun tuiteadh Mubarak?

Ach an ceann... a’ chiad latha a bha mi ann, chaidh mi chun a' chafaidh tha seo, ann am Benghazi, agus bha e dìreach fhèin do-chreidsinneach, bha thu a’ bruidhinn ri fir a bha ma dh’fhaoidte leth-cheud, trì fichead bliadhna a dh’aois - deagh Bheurl’ aca, gu ìre mhòr – ach nach robh riamh air an cothrom fhaighinn bruidhinn. Agus tha cuimhneam fhathast, agus bidh cuimhneam rim mhaireann... thug mise a-mach am maicreafòn agam, agus mar is trice anns an Ear-Mheadhanach ma chuireas tu a-mach maicreafòn, tha dìreach crowd a’ dèanamh air a’ mhaic, tha a h-uile duine ag èigheachd aig an aon àm. Cha robh anns a’ chafaidh a tha seo idir. Thòisich loidhne. Bha sianar, is aon fhear air cùlaibh a chèile. Agus fhad's a bhruidhneas tusa ris a h-uile gin aca, ’s gun tug thu dhaibh còig mionaidean deug an duine, cha robh smid asta.

Bha iad dìreach airson bruidhinn riut, ’s bha iad a’ faireachdainn gum b’ urrainn dhaibh airson a’ chiad uair riamh nam beatha, ma dh’fhaoidte, gum b’ urrainn dhaibh bruidhinn ri saorsa, agus gum b’ urrainn dhaibh bruidhinn ri daoine à thall thairis agus am beachdan fhèin a chur seachad air an dùthaich.