Tar-sgr矛obhadh: Eileanaich: 脤lich
Guthan: Iain Mac'IlleMhìcheil
Fraoch Nic an Deòrsa
Anna NicGill
Seumas MacPhàrlain
Ann an 2011, bha 大象传媒 Radio nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ phrògram seo mu Ìle, tha Iain Mac'IlleMhìcheil a’ stiùireadh a chòmhraidh le triùir Ìlich eile, is iad a’ bruidhinn mun dòigh-labhairt a th’ aca.
Iain: Ann an Ìle, chan eil sinn a’ bruidhinn air là. Tha sinn a’ bruidhinn air là (le fuaim ‘d’ an toiseach). Ann am Port na h-Abhainne, ’s e là (le D fiù ’s nas làidire) a th’ aca air a sin. Tha na Ds aca nas cruaidhe na tha na Ds againne, tha eadar-dhealachadh ann tha mi a’ smaoineachadh.
Fraoch: Ach an rud, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mòran daoine nach eil às Ìle, faodainn doirbh tioram air an dòigh a tha sinn a’ bruidhinn. Nuair a tha sinne a’ cur an D sin ann roimh mòran rudan le L, fhios agad, coltach ri luchag, tha sinne ag ràdh luchag (le fuaim ‘d’ an toiseach).
Iain: Aye, ’s e seann rud a tha sin.
Fraoch: Laghach, is tha sinne ag ràdh laghach (le fuaim ‘d’ an toiseach) agus rudan mar sin.
Seumas: Làraichean (le fuaim ‘d’ an toiseach) is làraichean.
Fraoch: Làraichean, ’s e.
Iain: Lag (le fuaim ‘d’ an toiseach) an àite lag.
Fraoch: Lag, ’s e.
Iain: Agus cho Èireannach ’s a tha sinn, chan abair sinne abhainn. ’S e obhainn, am facal Èireannach.
Seumas: ’S e.
Fraoch: Agus madainn mhath (pronounced medeinn mheth), agus chaidh mise suas do Sabhal Mòr Ostaig tro, bha mi a’ feuchainn ri Gàidhlig a dh’ionnsachadh agus a sgrìobhadh. Choisich mi a-staigh don chiad chlas anns a’ chiad mhadainn (pronounced mhedeinn), is bha an duine a bha a’ dol a bhith a’ teagasg, uill, shaoil ’am gun d’ thuirt e madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Agus thuirt mi madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Is ghàirich e orm is thuirt e madainn mhath, madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Nach e sin dè tha na caoraich ag ràdh? Uill, theab mi a’ bhàs a thoirt dha... bha mi craicte leis ..! (a’ gaireachdainn)
Iain: Mun chluais!
Fraoch: Cha robh mi fiadhaich...cha d’ fhuair mi sin fìor comical.(a’ gaireachdainn)
Iain: Ach, an dòigh anns a bheil sinn a’ toirt buidheachas seachad a-nis. Bha thu fhèin a’ bruidhinn air a sin Jim triop no dhà.
Seumas: Tha sin ceart.
Iain: Tha beachd agads’ agus chan eil mi ag ràdh nach eil thu ceart.
Seumas: Uill, bhiodh sinne, bha sinn a’ toirt buidheachas tha sins…..comharra math dhut (pronounced meth). Comharra math agaibh (pronounced meth).
Iain: Aye, ’s e comharra math (meth).
Seumas: ’S e, ’s e comharra math (meth) a theireadh... a theireadh sinne daonnan agus cha chluinn sibh sin an àite sam bith tha mi a’ smaoinntinn.
Iain: Ann an Èirinn, ’s e gura math agad a bhios iad ag ràdh ach bidh iad a’ smaoinntinn gur .. an Ìle gu bheil sinne ag ràdh gura meth agad, ach chan eil sinn ag ràdh…..
Fraoch: Chan e, ’s e comharra math (meth)
Iain: Tha sinn ag ràdh comharra math (meth)
Seumas: ’S e comharra a th’ ann.
Iain: Agus, ’s e good omen.
Seumas agus Fraoch: ’S e.