Main content

Tar-sgr矛obhadh: Mi Fh矛n 鈥檚 Mo Che貌l

Iain Caimbeul

Iain: Fàilt’ oirbh gu Mi Fhìn ’s Mo Cheòl còmhla riumsa, Iain Caimbeul. Tha mise à Gearraidh Bhailteas an Uibhist a Deas, ged a tha mi an-diugh a’ fuireach air tìr-mòr na Gàidhealtachd, goirid air baile beag brèagha Chill Taraghlain taobh a-muigh Inbhir Nis.

’S toil leamsa iomadach seòrsa gnè ciùil, bho cheòl clasaigeach, ceòl jazz, ceòl roc, gu ceòl na pìob-mhòir, agus gu h-àraidh òrain Ghàidhlig. Leis a sin, tha e caran doirbh taghadh a dhèanamh bhon a h-uile seòrsa ceòl is òrain a bhios mi ag èisteachd leis.

Cò-dhiù, tha a’ chiad òran agam a’ dol air ais dhan an àm a thòisich mi anns a’ Chabhlach Rìoghail. Anns an àite far an robh sinn a’ fuireach, bha record player ann le dìreach trì clàran ciùil – clàr le Paul McCartney, Band on the Run, fear le Cat Stevens agus fear eile le Rod Stewart agus na Faces.

Bha mi riamh dèidheil air ceòl roc, on an àm a bhithinn ag èisteachd ri Radio Luxembourg. Is toil leam pàirt mhòr dhen cheòl aig Rod Stewart. Seo e fhèin a’ seinn air a’ chiad chlàr a chuala mise bhuaithe – Gasoline Alley.