Main content

Tar-sgr矛obhadh: Iain 脪g 脤le

Sin mar a thòisicheas fear de na cruinneachaidhean sgeulachdan a bu mhotha, a b’fheàrr agus a b’ainmeile a chuireadh ri chèile a-riamh. Neamhnaid litreachas shluaghan an t-saoghail agus b'ann bho Gàidheil na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh siòs. Ach cha deach ceithir leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands' a chuir ri chèile le fear bhon mhòrshluagh idir. Fada bhuaithe! Thogadh Iain Frangan Caimbeul, neo Iain Òg Ìle, mar a b’fheàrr a dh’aithnichear a-measg nan Gàidheal, ann an taigh mòr Ìle, mar oighre an uachdarain. Chaidh e gu Colaiste Eton agus Oilthigh Dhùn Èideann mus deach e sìos a Lunnainn ag obair ann an sin dhan Phàrlamaid agus dha Cùirt Rìoghail na Ban-righinn Bhictoria. Ach cha do chaill e a-riamh a spèis dhan chànan a dh’ionnsaich e na òige, Gàidhlig na h-Alba.

Is mise Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus anns an t-sreath ghoirid a tha romhainn tha mi ag ionnsachadh mu leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands', mu na daoine iongantach a dh’innis na sgeulachdan, mu na daoine dìcheallach a sgrìobh sìos iad agus gu seachd àraid mun an duine iongantach a chuir na 'Popular Tales' ri chèile. Duine a choisinn cliù dha fhèin cuideachd mar sgrìobhaiche-siubhail agus mar neach-saidheans. Ach dè a thug air mac duine uaisle ùidh a ghabhail ann am beul-aithris nan Gàidheal? Airson barrachd fhaighinn a-mach chaidh mi gu eilean a' bhreith agus àraich.