Main content

Tar-sgr矛obhadh: Feasgar

Dòmhnall Moireasdan

Dòmhnall: Tha Labhraiche Thaigh nan Cumantan John Bercow a’ faighinn a dhubh-chàineadh ’s eagal air Brexitichean gu bheil e air cnap-starra mòr a chur ron an seòrsa Brexit a tha iad ag iarraidh. Carson? Uill airson ’s gun cheadaich e bhòt anns na Cumantan an-dè air dè cho fada ’s a bhiodh aig Theresa May airson tighinn air adhart le plana B ma thuiteas am plana A aice anns a’ bhòt Dimàirt ’s a’ tighinn.

Man a bha cùisean air aontachadh ron a seo, bhiodh aona latha fichead aice, trì seachdainean. A-nise, an dèidh na bhòt a cheadaich Mgr Bercow, cha bhi aice ach trì latha. Dhall Brexitichean air an Labhraiche, a’ fàgail air gun robh e air a dhol an-aghaidh riaghailtean is cleachdaidhean na Pàrlamaid. Uill, tha an t-adhbhar airson feirg cuid aca follaiseach. Nam biodh trì seachdainean aig a’ Phrìomhaire airson tighinn air adhart le plana eile, bhiodh an cloc ga ruith sìos gar toirt nas fhaisg’ air Brexit gun aonta deireadh a’ Mhàirt. Sheas John Bercow aca ge-tà. Na bheachdsan, bha e a’ leantainn na riaghailtean a thaobh dè chumhachd a th’ aig a’ Labhraiche.