Tar-sgr矛obhadh: Am B脿rd Bochd
Annella NicLeòid a’ dèanamh ro-ràdh air a’ phrògram Am Bàrd Bochd
Annella NicLeòid: Tidsear, bàrd, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh amhrain, fear-glèidhidh dualchais, agus sòisealach is sàr-Ghàidheal gu smior. Sin Tormod MacLeòid ann an dhà no trì fhacail. Agus man a cuala sibh ach dhà no trì fhacail mu dheidhinn chun a seo, ’s dòcha nach eil sin na iongnadh. Duine iriosal nach robh ag iarraidh aithne no cliù air dòigh sam bith – ach a tha airidh air cuimhne.
Cò e, ma-thà, Tormod MacLeòid, am Bàrd Bochd? B’ ann à Port Mholair anns an Rubha an Leòdhas a bha e, agus à Ranais nan Loch a bha Mòr, a bhean. Bha ceathrar a theaghlach ac’ ’s ged a chanadh a chlann “athair” ris, agus ’s dòcha “am bodach” an-diugh, cha b’ e ainm baist’ a bha Tormod a’ faighinn bho mhòran. “Conter,” “Tommy,” “Stocainn,” “Am Bodach,” “Tormod” agus “Am Bàrd Bochd.”
Cheumnaich Tormod MacLeòid à Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain, agus b’ ann a’ teagasg a chuir e seachad a bheath'. An toiseach, còig bliadhna eadar Grabhair agus Fidigearraidh air na Lochan, agus an uair sin, ceithir bliadhna ron darna cogadh, ghluais e a Sgoil Loch Croistein ann an Uig.